Huelva (provincia)
Huelva
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Huelva | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,128 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 521,968 (2014) | ||||
Dlùths | 51.54/km² | ||||
Àireamh fòn | + (959) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Huelva (IPA: welβa). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Huelva a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Huelva fad 10,128km²[3] agus tha 521,968 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 25mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 31mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Badajoz, Cádiz, Sevilla agus A' Phortagail.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre cho oilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Ὄνοβα (Onuba) ann an Greugais no Onuba Aestuaria ann an Laideann a tha an t-ainm, le freumhan ann an cànan air choireigin a bha ga bruidhinn an seo o chionn mìltean de bhliadhnaichean.[6] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Olba ann an Tartesianais a tha e.[7] Tha an t-iar-leasachan -oba no –uba gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn. Sgrìobhadh Gaelbah agus Welba ann an Arabais, a’ leantainn atharraidhean fuaimneachail ann an Spàinntis fhèin (/ɔ/ gu /wo/).[8]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Cortés y López, Miguel (1835). Diccionario geográfico-histórico de la España antigua, Tarraconense, Bética y Lusitana: con la correspondencia de sus regiones, ciudades, montes, ríos, caminos, puertos e islas a las conocidas en nuestros días. Imprenta Real, Madrid. p. 169 - Tomo I. OCLC 645251138.
- ↑ Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3
- ↑ Boletín de Filología