Jump to content

Artúr Dall Mac Gurcaigh

O Uicipeid
Artúr Dall Mac Gurcaigh
Beatha
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd

Bha Artúr Dall Mac Gurcaigh ’na bhàrd Albannach. Mu 1310, ri linn Cogadh na Saorsa ann an Albainn, rinn e an dàn "Dál chabhlaigh ar Chaistéal Suibhne", sampall a tha luachmhar dhuinn oir is tearc iad na dàin a th’againn ann an Gàidhlig na h-Albann ro mheadhainn an 14mh Linn. Tha an dàn ag innse mu Eoin mac Suibhne, namhaid aig an Rìgh Raibeart I na h-Albann agus ceannard Clann Suibhne - fine a chaidh fhògradh bho Albainn agus a shoirbhich ’na dhéidh sin mar shaighdearan-tuarasdail ann an Éirinn.


Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Clancy, Thomas Owen (ed.), The Triumph Tree: Scotland's Earliest Poetry, 550–1350, (Edinburgh, 1998), p. 302-305
  • MacLeod, Wilson, Divided Gaels: Gaelic Cultural Identities in Scotland and Ireland, c. 1200-1650, (Oxford, 2004)