Jump to content

An t-Urramach Calum MacLeòid

O Uicipeid
An t-Urramach Calum MacLeòid
Beatha
Breith Ùig, 1881
Dùthaich  Alba
Bàs Glaschu, 21 dhen Ògmhios 1946
Dreuchd
Dreuchd ministear agus sgrìobhadair

Bha Calum MacLeòid (1881 - 24mh an t-Ògmhios 1946) (Beurla: Malcolm Chisholm MacLeod) na mhinistear na h-Eaglaise agus na cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich.

Rugadh Calum MacLeòid ann an 1881 ann an Crabhlasta, Sgìre Ùige, Eilean Leòdhais [1]. Bha ceathrar mhac agus dithis nighean aig a phàrantan, Dòmhnall agus Anna: b' e Calum an treas leanabh a bh' aca. Thòisich e air obair-sgoile ann an Crabhlasta agus lean e air leatha ann an Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh (1897-1900) agus ann an Àrd-sgoil Ghlaschu (1900-1902). Nuair a bha e fichead 's a h-aon bliadhna a dh'aois, thòisich e air cùrsa foghlaim fo-cheum aig Oilthigh Dhùn Èideannn agus anns a' bhliadhna 1906 chaidh ceum MA a bhuileachadh air. Dh'aithnich an t-Ollamh Dòmhnall MacFhiongain gum b' e Calum fear de na h-oileanaich a b' fheàrr a thàinig dha na clasaichean Ceilteach aige a-riamh. B' ann anns na bliadhnaichean seo ann an Dùn Èideann a dh'obraich e còmhla ri sgioba eòlaichean gus cuideachadh a thoirt do dh'Eduard Dwelly leis an leabhar aige, "The Illustrated Gaelic-English Dictionary". Rinn Dwelly iomradh le buidheachas air ainm Chaluim ann an ro-ràdh an leabhair [2].

Anns a' bhliadhna 1910, às dèidh do Chalum crìoch a chur air an fhoghlam aige ann an Colaiste Nuadh, Dùn Èideann, bha e air a chur an dreuchd anns an t-Srath, an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh stad a chur air, ged-thà, leis a' Chogadh Mhòr agus bho thoisich na bliadhna 1915, chuir e seachad trì bliadhna ag obair le saighdearan anns an Fhraing. Bho 1916 a-mach, bha e na mhinistear-airm còmhla ris na Ceathramh Gòrdanaich agus an Roinn Ghàidhealaich, an Leth-cheud 's a h-Aon. Rinn e seirbheis aig mòran bhlàran-catha a mhaireas fada ann an cuimhne a' chinne-daonna, nam measg an Somme agus Ypres.

Nuair a thill e às an Fhraing, lean Calum air le a dhreuchd anns an Eaglais Shaoir Aonaichte ann an Ceann Loch Gilb. Thòisich e air ùidh a ghabhail ann an cuspairean a chumadh grèim air aire fad a bheatha: ann an obair a’ Chomuinn Ghàidhealaich, agus na fhoghlam pearsanta anns a' Ghàidhlig, ann an Seann Ghaeilge, ann an eachdraidh agus ann an eachdraidh nàdair.

Ann an 1924, dh'fhàg e slàn le Ceann Loch Gilb airson gairm a ghabhail ann an eaglais thraing agus dhùbhlanaich ann an Glaschu: Eaglais Iain Knox agus Tradeston. A dh'aindeoin eallach a dhreuchd, lean e air le obair a' Chomuinn Ghàidhealaich agus dh'fhàs e gu bhith cliùiteach mar òraidiche air cuspairean Ceilteach. Bha e air a bhith dealasach mar sgrìobhadair airson ràitheachan-eaglaise bhon a bha e na oileanach agus bha na sgilean seo air an aithneachadh ann an 1936, nuair a chaidh iarraidh air a bhith na dheasaiche iris mhìosail a' Chomuinn Ghàidhealaich, 'An Gàidheal'.

Both Chuidir: seann eaglais agus eaglais ùr

Chuir Calum seachad na naoi bliadhna mu dheireadh de a bheatha agus de a mhinistrealachd ann am Both Chuidir, Siorrachd Pheairt. Thar nam bliadhnaichean, bha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar mhinistear dìleas, dealasach, mar òraidiche air leth agus mar aoghair còir, coibhneil, agus chleachd e na buadhan seo airson math a choitheanail ùir. Thug e tlachd dha a bhith a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig ri a nàbaidh, Flòraidh Nic a' Phearsain - bha a' bhana-mhaighstir-sgoile seo à Geàrrloch, Rois an Iar, o thùs [3] - agus ris an luchd-sgìreachd aige, m.e. Iain MacNeachdainn, Inbhir Loch Làirig [4].

Fhad 's a bha e a' fuireach ann am Both Chuidir, lean e air le obair fharsaing Eaglais na h-Alba agus a' Chomuinn Ghàidhealaich: ann an 1938, chaidh a thaghadh na Cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, dreuchd a ghlèidh e gu latha a bhàis ann an 1946. Bha na bliadhnaichean ann am Both Chuidir gu bhith glè thorrach a thaobh tabhartasan Chaluim MhicLeòid do chultar Gàidhealach agus dhan chànan Ghàidhlig.

Mar Cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich aig àm an Dàrna Cogaidh, stiùir e tional airgid, iomadh mìle not, gus cuideachadh agus cofhurtachd a thoirt dha na Gàidheil a bha ri cogadh anns an Arm Bhreatannach no nam prìosanaich cogaidh. Chaidh cuibhreann dhen ionmhas a chosg a chum leabhraichean beaga fhoillseachadh, leabhraichean le pìosan sgrìobhaidh goirid anns a' Ghàidhlig air cuspairean brosnachail. Dheasaich Calum MacLeòid na leabhraichean seo, "Airgiod an Rìgh" (1942) agus "Seirbhis a’ Chrùin" (1943). Chuir iad ris na sgrìobh agus na dh'fhoillsich e na bu thràithe: artaigilean ann an ràitheachan-eaglaise agus anns an iris "An Gàidheal", "Comasan Ùrnuigh" (1913) (eadar-theangachadh Gàidhlig dhen leabhar "The Possibilities of Prayer" le J H Oldham), agus "An Laoidheadair" (1935) a cho-dheasaich e còmhla ri Calum Mac'Ill'Fhinnein.

Bhiodh a' mhòr-chuid dhe dhaoine dhen bheachd, ged-thà, gum b' e an leabhar "An Iuchair Òir" (1950) an tabhartas a bu luachmhoire a chuir Calum MacLeòid ri litreachas na Gàidhlig. Tha e na chruinneachadh de shearmonan agus de dh'òraidean rèidio a bha air an taghadh le Calum fhèin mus do chaochail e. Tha na searmonan soisgealach, dòmhainn agus air an sgrìobhadh ann an Gàidhlig bhrèagha a tha beairteach ann an gnàthasan-cainnt agus fiosrachadh eachdraidheil. Sgrìobh Tòmas MacCalmain, deasaiche an leabhair, eachdraidh-beatha Chaluim mar ro-ràdh, pìos sgrìobhaidh a tha an dà chuid grinn agus làn fiosrachaidh.

Cladh Bhoth Chuidir

Tràth anns a' bhliadhna 1946, cho-dhùin Cinn-iùil Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum Dotair na Diadhachd a bhuileachadh air Calum MacLeòid mar chomharra urramach air a shaothair às leth an dà chuid na h-Eaglaise agus cultar agus cànan nan Gàidheal. B' i cùis-bhròin a bh' ann nach deach an t-urram seo a thoirt gu buil. Chaochail Calum ann an Glaschu air an 21mh dhen Ògmhios 1946 às deidh dha fàs tinn fhad 's a bha e air turas sgrùdaidh timcheall nan Stèiseanan Miseanaraidh anns na h-Eileanan Siar. Bha a bhean, Blanche, a dhithis nighean, Blanche ("Babs") agus Catrìona, agus mòran chàirdean ga chaoidh. Tha an uaigh aige ann an cladh Bhoth Chuidir, comharraichte le crois Cheiltich air a dealbhadh le a charaid, Cailean Mac na Ceàrdaich PhD. Aig bun na croise tha faclan sìmplidh ann a tha a’ toirt geàrr-chunntas air beatha a’ mhinisteir dhìlis seo: "Thaisbean e gum bu duine le Dia e".

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. An Iuchair Òir, deasaichte leis an Urramach T M MacCalmain, (Comunn nan Trachdaichean, Sruighlea 1950)
  2. Illustrated Gaelic Dictionary le Eideard Dwelly, Ro-ràdh le Peadar Berresford Ellis, (Birlinn, Dùn Èideann 2001)
  3. Anne Gorrod, ogha Chaluim MhicLeòid
  4. Tasglann Comhairle Shruighlea

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]