An Lanntair
Tha An Lanntair ’na ionad ealain ann am baile Steòrnabhagh ann an Leòdhas. Tha cinema ann agus gailearaidh ealain.
Bha e suidhichte roimhe ann an talla a’ bhaile, ach ghluais e sa bhliadhna 2005 gu togalach ùr le sealladh den chala, far a bheil e fhathast. Anns an togalach seo tha taigh-bìdhe mór gu leòr airson 50, agus ionad-éisteachd a shuidheas 200 neach agus a ghabhas a chleachdadh mar cinema.
’S e An Lanntair am prìomh ionad ann an Steòrnabhagh airson tachartasan ealain agus féisean eile. Gu tric tha cuirmean ciùil gan cumail ann, dealbhan-cluiche, òraidean agus filmichean. ’S e fear de na prìomh ionadan a th’ ann airson Féis Cheilteach Innse Gall gach bliadhna, agus b' e fear de na prìomh ionadan a bh’ ann don Mhòd Nàiseanta ann an 2005, 2011 agus 2016.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- An Lanntair (làrach-lìn)
- BBC Naidheachdan 2016-11-02: Faclan 2016 (fèis litreachais Innse Gall)
- BBc Naidheachdan 2016-02-28: £10,000 dha An Lanntair