Féis Cheilteach Innse Gall

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Tha Féis Cheilteach Innse Gall (Beurla: Hebridean Celtic Festival no HebCelt) ’na fhéis eadar-nàiseanta de cheòl “cheilteach” a tha ga chumail gach samhradh ann an Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais. Tha e a’ maireachdainn mu ceithir làithean san Iuchair, agus tha iomadh còmhlan-ciùil ainmeil air a bhith a’ cluich ann. Nuair a thòisich e ann an 1996 bha mu 1000 an làthair, ach ann an 2014 bha mu 16,000 ann. ’S ann sa Gharradh Chruaidh air beulaibh Caisteal Leòdhais a tha prìomh làithreach na Féise, ach tha tachairteasan cuideachd sa Lanntair agus a-muigh sna bailtean.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]