An Dara Sealladh
'S e an comas a bhith a' faicinn thachartasan san àm ri teachd a th' anns an dara shealladh neo an dà shealladh. Ged tha e coltach gu bheil an comas seo aig mòran dhaoine air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh ann an Tibet agus cultaran shamanach eile, tha an dara shealladh na rud cudromach ann an cultar nan Gaidheal. Tha uamhas de sgeulachdan air a' Ghàidhealtachd mu dheidhinn tachartasan air a chaidh iomradh a thoirt fada mus do thachair iad.
Cultar Spioradail
[deasaich | deasaich an tùs]Bhiodh an dara shealladh ag obair ann an iomadach dòighean, uaireannan bhiodh am fàidh, an duine no an tè aig an robh an dara shealladh, a' faicinn samhla, mar chiste-laighe, no solais dìomhair fad air falbh air a' mhòinteach, nach gabhadh lorg. (Tha deagh eisimpleir de seo ri faotainn anns an òran Runrig, Cnoc na Fèille) Aig amannan eile, bhiodh na fàidhean fhèin a' toirt iomradh air na tachartasan fhèin, mar a rinn Coinneach Odhar nuair a rinn e iomradh air Seòlaid a' Ghlinne Mhòir, corr is da cheud bliadhna mus deach a thogail. Thuirt e gum biodh luing a' seòladh seachad air Tom na h-Iubhraich aon latha.
Cumhachd Mhòr
[deasaich | deasaich an tùs]Bha cumhachd mhòr aig daoine leis an dara shealladh, agus airson a' mhòr-chuid, bhiodh iad a' toirt sgeul air droch thachartasan, mar bhàs dhuine. Thathar a' ràdh gum b' urrainn dha fàidh innse nuair a chaochladh cuideigin 'sa bhaile. Tha mòran dhaoine fhathast a' creidsinn anns an dara shealladh mar Fergie Dòmhnallach, an cluicheadair bocsa Mùideartach ainmeil.
Adhar-gheasachd • Aisling • Aoibhle • Breò-dhruidheachd • Cacdhraoidheachd • Cairt-dhraoidheachd • Cairtean Tarot • Ceadhraoidheachd • Clach-fhàisneachd • Claigeann-eòlas • Coileach-dhraoidheachd • An dà shealladh • Deamhan-eòlas • Deàrnadaireachd • Draoidh • Eun-dhraoidheachd • Fiosaiche • Feng shui • I Ching • Idearmanachd • Leabhar-dhraoidheachd • Litir-dhraoidheachd • Manadh • nggàm • Ogham • Ouija • Slinneanachd • Speuradaireachd • Taghaire • Taghairm dubh • Taracantachd • Uibhir-fhàisneachd • Uisge-fhàisneachd