Fàisneachd
Fàisneachd neo Fàistinneachd: a' gabhail, neo oidhirp a' gabhail fiosrachaidh mu rudan agus àm ri teachd, tro dòighean neo-saidheansail neo draoidheachd.
Fàisneachd sa Bhioball
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Criosdaidheachd, Iùdhachd agus Ioslam gu math na aghaidh.
Seo Lebhiticus Caibideil XIX, rann 26:
- "Cha mhò a ghnàthaicheas sibh druidheachd, no sheallas sibh air amannaibh."
Agus Deuteronomi caibideil XVIII:
- "Chan fhaighear ur measg neachd air bith a bheir air a mhac, no air a nighean dol troimh an teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan.
- "No seunadair, no neach a dh'fhiosraicheas leannan-sith, no druidh, no neach a dh'iarras eòlas o na mairbh.
- "Oir is gràineileachd don Tighearn' iadsan uile a ni na nithe sin; agus airson nan gràineileachd sin, tha'n Tighearna do Dhia gam fuadachadh a mach romhad."
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Adhar-gheasachd • Aisling • Aoibhle • Breò-dhruidheachd • Cacdhraoidheachd • Cairt-dhraoidheachd • Cairtean Tarot • Ceadhraoidheachd • Clach-fhàisneachd • Claigeann-eòlas • Coileach-dhraoidheachd • An dà shealladh • Deamhan-eòlas • Deàrnadaireachd • Draoidh • Eun-dhraoidheachd • Fiosaiche • Feng shui • I Ching • Idearmanachd • Leabhar-dhraoidheachd • Litir-dhraoidheachd • Manadh • nggàm • Ogham • Ouija • Slinneanachd • Speuradaireachd • Taghaire • Taghairm dubh • Taracantachd • Uibhir-fhàisneachd • Uisge-fhàisneachd