Am Bràigh Riabhach
Am Bràigh Riabhach | |
---|---|
Am Bràigh Riabhach | |
Àirde (m) | 1296 |
Àirde (tr) | 4,251 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Am Monadh Ruadh |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 36 |
Comharradh-clèithe | NN95349992 |
'S e beinn anns a' Mhonadh Ruadh a tha ann am Bràigh Riabhach (Beurla: Braeriach).
Tha i 1,296 meatair (4,252 troigh) a dh'àirde agus mar sin 's i an treasamh beinn as àirde ann an Alba an dèidh Beinn Nibheis agus Beinn Mac Duibh, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e seo na co-chomharran aice: 57° 4′ 41.41″ Tuath agus 3° 43′ 43.79″ Iar.
'S e Am Bràigh Riabhach aon de na beanntan ris an canar Marilyn agus Munro.
'S urrainnear sreap air a' bheinn. Tha an t-slighe a' tòiseachadh ann an làrach-pàircidh Sugar Bowl agus a' leantainn tro raon sgìthidh a' Chùirn Ghuirm, tron bhealach Làirig Dhrù agus seachad air Sròn na Làirige, mullach beag eile. Tha an t-slighe mu 9 cilemeatair de dh'astar. Dh'fhaodadh cuideachd dol bho Dhrochaid na Coileum air a' bhaidhsagal a Ghleann Eanaich agus suas bho thaobh thaobh an iar na beinne.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 952 999
- Am Bràigh Riabhach air Munro Magic