Jump to content

A' Ghort Mhòr

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o A' Ghort Mòr)
An Sciobairín (Beurla: Skibbereen) car a' ghort, le James Mahony (1810–1879) às Siorrachd Chorcaí, de coimisein The Illustrated London News, 1847.

Thàinig Gort Mhòr (ann an Gàidhlig na h-Èireann: an Gorta Mór, [anˠ ˈgɔɾˠt̪ˠa mˠoːɾˠ]) a dh’ Èireann ann an 1845 agus dh'fhuirich e gu ruige 1852. Bhàis a barrachd air millean Èireannach—faisg air seachdamh àireimh sluaigh na h-Èireann—leis an acras no le cùisean co-cheangailte.[1]

Thàinig gaiseadh a' bhuntàta air feadh na h-Èireann, agus bha mòran daoine bochd a' crochadh sa bhuntàta airson bìdh. (Bha gaiseadh a’ bhuntàta ann air feadh an Eòrpa, ach bha gort mhòr a-mhàin ann an Èireann do bhrìgh sin). Cha tug an ùghdarras Breatannach, fo uachdranas a bha Èirinn, biadh do daoine tinne leis an acras.

Gu co-rèireach, bhàis àireamh Èireannach nas motha ann am "Bliain an Áir" (Bliadhna an Àr) ann an 1740 agus 1741, gort eile le fàilleadh buain a’ bhuntàta is nan gràinnean.[2] Gidheadh, tha a' ghort air sgàil mhòr a chur air an eachdraidh na h-Èireann. Chaochail a' ghort gu maireannach eòlas-sluaigh, poileataigs, agus cultar an eilein. Ghabh a' ghort a-steach dualchas nan Èireannach is an sliochd[1] agus bhrosnaich e gluasaidh fèin-riaghlach is Èireann Aonaichte. Làidrich an nàimhdeas eadar na h-Èireannaich is na riaghaltas Breatannach. Dh'àrdaich frionas cinnidh is creideamh agus neartaich nàiseantachas Èireannach ann an Èireann agus an sliochd Èireannach anns na Stàitean Aonaichte agus ann an dùthchannan eile.

Ron a' ghort

[deasaich | deasaich an tùs]

Thug iasgaich Bhasgaich am buntàta, às an t-Saoghal Ùr, a dh' Èireann ann an 16mh linn. Ged a tha am buntàta glè thairbheach, rinn àiteachadh gum b' urrainn do tuilleadh daoine fuireach air an fhearann nas lugha. Mheudaich an àireamh-shluaigh gu h-obann–bho trì millean gu h-ochd millean—eadar 1800 is tòisich na goirte.[3]

Aig an aon àm, bha na h-uachdaran (mar a bha ann an Gàidhealtachd na h-Alba) air mòran daoine fhuadachadh oir a bha a' sprèidh agus na caoraich nas buannachdail, bhon fhearann nas torrach gu sònraichte. Bha mòr-chuid neo-làthaireach; mar sin, dh'fhàg a' phrothaid an dùthaich—faisg air £800,000 gach bliadhna.[4][5] Bha 60,000 acaire aig feadhainn, ach cha robh tèarainteachd teanantachd no còirean eile aig na tuathanaich.[6] Ann an deicheadan gus a' ghort, dh'fhàs roinn an fhearainn gu nas neo-ionnannas.[6] Bha an dùmhlachd-sluaigh as àirde aig am fearann as mì-thorrach san dùthaich, càrnach slèibhtean an iar agus an deas, far an do dh’fhuirich Gàidheil Èireannaich is Caitligich.

Anns an sgìrean seo, bha mòran daoine ag ithe buntàta agus beagan bainne togalach a-mhàin. Thog iad muice no gràn, ach màl a phàigheadh a-mh`àin. Nuair a bha buntàta gu leòr, bu dòigh-ithe freagarrach a bha ann; bha na h-Èireannaich nas àirde na na Breatannaich ri linn seo.[7] Ma-tà, bha iadsan a' crochadh ri deagh bhuain a' bhuntàta airson mairsinn beò.

Bha an Èirinn na basgaid-arain Shasainn; às-phortaich i bà, muice, ìm, agus gràn.[6]

Phytophora infestans

[deasaich | deasaich an tùs]
Buana a' bhuntàta ri linn na goirte Mhòr.[8]

’S oomycete a tha ann am Phytophora infestans. (Chan e fungas a tha ann idir.)[9] Dùthchasach air an t-Saoghal Ùr, thàining e dh' Eòrpa eadar 1842 is 1845. Ann an 1845, chaidh dàrna buain a' bhuntàta a call, agus ann an 1846, chaidh trì ceathramhan.[9]

Dèiligeadh nan ùghdarrasan Bhreatannach

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha carthannasan ionadail ann, ach cha robh airgead gu leòr aca. Chaidh an ciad neach-fulaing bàs leis an acras 24 an Dàmhair 1846, agus leis an Nollaige chaidh an airgead air comataidhean faothachadh nan sgìrean agus bha lèirsgrios air feadh na h-Èireann.[10]

Bha oidhirp aig riaghaltas Breatannach Robert Peel càintean na gràn a mhì-laghaich, airson a’ phrìs glè àrd gu fuadan a bheagachadh, ach cha do rinn gu ruige 1846. Cheannaich an riaghaltas £100,000 maoise agus reic air lasachaidh dhan Èireannaich bhochd, ach bha sin mar bhoinne an t-soithich-uisge.[11] Bha ùidh nas motha aige ann an "Achd Fòirneadh" aimhreit fhearannach ann an Èireann a cheannsaich. Cha do ghabh ris, agus thug am Pàrtaidh Cuigseach an riaghaltas an àite.

Bha ideòlas an aghaidh caiteachais phoblaich air a' riaghaltas Chuigseach. Chreid am prìomh mhinisteir, Morair John Russell, agus seirbheiseach sìobhalta faothachaidh na goirte, Sàr Charles Trevelyan, gun robh faothachadh air meudachd feumail an eaconomaidh a bhriseadh. Bha gràin-chinnidh an aghaidh nan Èireannach aig Trevelyan gu sònraichte; thuirt e gum b' e “effective mechanism for reducing surplus population" agus "the judgement of God" a bha anns a’ ghort.[12][13][14]

Taigh-obrach Èireannach, c. 1846

Sguirich an riaghaltas faothachadh am biadh gu lèir air ball. An àite, b' fheudar do daoine aig a bha feum air faothachadh am fearann aca a liubhairt gus an urrainn dhaibh tighinn a-steach taigh-obrach. Leig an lagh seo an uachdaran oighreachdan fhuadachadh gu èifeachdach, ach thàinig air na tuathanaich roghainn a dhèanamh eadar bàs leis an acras air an fheannag, agus fàgail bhon taigh-obrach gun nì air bith. Bha an suidheachadh-obrach uabhasach; chaochail mòran daoine an sin. Thabhaich an riaghaltas obair doirbh gun bhuannachd, mar eisimpleir briseadh nan clachan.[15] Tha “rathadan na goirte” a sguiridh ann an cùl nan cnoc fhathast ann air feadh na h-Èireann an iar agus an deas.

Ged a bha na taighean-obrach làna, ann an 1847, thòisich prògram chidsinean brot. B’ fheudar pàigheadh dhan uachdaran, gun do misnich fuadaichean, ach cha bha biadh gu leòr airson na dìolachan-dèirce.

Rinn tuathanaich Èireannaich aramach an aghaidh nan uachdaran agus an ùghdarras ann am Ballingarry, South Tipperary 29mh an t-Iuchar, 1848, ach thug na h-ùghdarrasan buaidh air ball. Tha an t-ainm “Aramach nan Èireannaich Òga” neo “Aramach na goirte” air.

Chaidh iomadh dhuine bacadh nan galaran a mhilleadh air sàilleibh an acras, agus mar sin, dh'fhoghain fliù no cnatan an marbhadh. Tha e follaiseach gun robh galaran easbhaidhe nam beòthamanan ann; bha an galar-fuilteach (“scurvy” sa Bheurla), an xerophthalmia, agus am peallagra gu math cumanta. Chuir fiabhras, sgàird, galar-àraidh, agus breac crìoch air cus a barrachd.[16]

Bha oidhirpean ann ospadalan ùr fhosgladh agus luchd-obrach sealach fhastachadh. A bharrachd air sin, bha an ospadalan ro thrang gabhail mu mòran galaran eile air sàilleibh na goirte.

Air feadh na goirte, às-phortaich an Èirinn tuille am biadh gun ion-phortaich. Thoradh i biadh gu leòr a h-uile duine a bheathaich, gum biodh air roinn co-ionnann.

Toraidhean na goirte

[deasaich | deasaich an tùs]
Gàidhealtachd na h-Èireann ann an 1871. Bha mòran sgìrean eile Ghàidhealach ann an 1851.[17]

Thug gràin-chinnidh an agaidh nan Èireannach am bàrr. Mar eisimpleir, thuirt ollamh Oilthigh Oxford nach biodh a’ ghort barrachd air millean duine a mhairbh, agus nach biodh sin gu leòr leas a dhèanamh.[18]

Thug na bàsaich agus na fuadaichean, as miosa far an robh Gàidhlig na h-Èireann as làidir, air adhart crìonaidh na cànain.

Gidheadh, anns na deicheadan às dèidh na goirte, thug Strì an Fhearainn (Gàidhlig na h-Èireann: Cogadh na Talún) còirean nan gabhaltach tro achdan fearainn Èireannaich.[19] Bhrosnaich a' ghort nàiseantachas cuideachd; às dèidh Aramaich na Càisge agus Cogadh na Saorsa (Gàidhlig na h-Èireann: Cogaidh na Saoirse), chaidh Poblachd na h-Èireann a stèidheachadh.

Rinn Tony Blair an ciad leisgeul oifigeil do Poblachd na h-Èireann ann an 1997. Thuirt e gun do dh'fhàillnich an riaghaltas Breatannach a mhuinntir fhèin.[20]

Sliochd nan Èireannach

[deasaich | deasaich an tùs]
Lùghdachadh àireamh an t-sluaigh ann an Èirinn às dèidh na goirte Mhòr
The Emigrants' Farewell, le Henry Doyle (1827–1893), ann an Illustrated History of Ireland, 1868, le Mary Frances Cusack.

A bharr air na bàsaich, chaidh a barrachd air 500,000 tuathanaich Èireannaich bhochd a dh’fhuadachadh bhon fhearann aca.[21] Eilthirich milleanan bho Èirinn an cois dìreach na goirte, neart dhiubh às sgìrean Gaeltacht.[22] Chaill Èirinn ceithir millean daoine eadar 1845 agus 1900, leth a h-àireimh-sluaigh.

Dh'aoin mòran luchd-imrich Èireannaich anns na Stàitean Aonaichte ris an buidheann nàiseanta mar Clan na nGael (Clanna nan Gàidheal). Nam beachd-sa, bu sgrios-chinnidh riaghaltas Breatannach a co-èignich an fàgail na h-Èireann. Dheirbh saoirsinnean poileataigeach nan Stàitean dhaibh dùil Èireann neo-eisimeil; ghlèidh ceangalaichean tòcaile ris an t-seann dùthaich bho ghlùin gu glùin.

Choilean Èireannaich nan Stàitean Aonaichte, mar eisimpleir John Devoy agus Éamon de Valera, beachd mòr ann an neo-eisimeileachd na h-Èireann. Dh'astair de Valera, Ceann-suidhe Dhàil Èireann, dhan Stàitean Aonaichte ann an 1920 gus a fhaigh e aithneachainn do Poblachd na h-Èireann. Reic mòran urrasan na Poblachd dhan Èireannaich Aimeireagaich.

Tha mòran carraighean-cuimhne na goirte Mhòr anns na Stàitean Aonaichte. Tha an tè ann am Boston gu math ainmeil; tha i na h-ìomhaigh boireannaich tinn an acras is a cloinne.[23]

Sgrios-cinnidh no dunaidh nàdarrach

[deasaich | deasaich an tùs]

B’ e Èireannach a bha ann an John Mitchel, an ciad duine a chuir coire na goirt do poileasaidh riaghaltas Breatannach. Rinn e abairt ainmeil, "The Almighty, indeed, sent the potato blight, but the English created the Famine."[24] Chuir an ùghdarras casaid ceannairce air ann an 1848; dh’fhaigh e binn ceithir bliadhna deug obrach pheanasach ann am Bermuda.[24]

Ged a cheadaich an riaghaltas Breatannach a’ ghort a thachradh, tha eachdraidhean ann air ainmeachadh "sgrios-cinnidh". Phàigh an riaghaltas airgead trì uiread nas motha le dìobhaladh tràillean a dh’uachdaran Caraibeach nuair a shaoir e a h-uile tràill.[25] Sgrìobh Christine Kinealy, eachdraiche, gun do shoillsich an tamall nach robh ùidh aig an riaghaltas Èireannaich bhochda a cuidicheadh, ach chunnaic e cothrom atharrachaidhean rùnaichte shòisealta a thoirt air adhart, mar eisimpleir smachd àireimh-sluaigh agus bhonntachadh an fhearainn. A dh’aindeoin an acras agus nam bàsan glèidheadh poileasaidh faothachadh fhìor-lùghdachadh.[26] Ghabh rannsachadh an Ollamh Francis A. Boyle ris a b' e sgrios-cinnidh a bha ann a-rèir cuspair-deuchainn 1948 Hague Commission. Sgrìobh e gun do rinn an riaghaltas Breatannach poileasaidh gortais ann an Èireann gu rùn sgriosa nan Gàidheal Èireannach.[27]

Sa Ghàidhlig na h-Èireann, ainmichear “Uileloscadh na nGael” (Uile-losgadh nan Gàidheal) gu tric.

Ann an ceòl is bàrdachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd a' ghort gu tric ann an litreachas Èireannach.[28]

Ann an òran ainmeil “Skibbereen,” tha athair ag ràdh da mhac mu dhèidhinn na goirte, Aramach nan Èireannach Òga, agus fàgail bho Èireann.[29] Tha iomraidhean dha ann an òrain ainmeile eile "Fields of Athenry" agus "Thousands are Sailing" cuideachd.

Rinn Patrick Kavanagh ur-sgeul bàrdachd ann an 1942, “The Great Hunger.”

Ann an Alba

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha gaiseadh a' bhuntàta ann an Gàidhealtachd an iar agus anns an Eileanan Siar aig an aon àm, far a bha na croitearan am freastal a' bhuntàta cuideachd. Ann an Gàidhealtachd an Iar, mheudaich an àireamh-shluaigh 50 sa cheud.[30] Ath-shocraich an t-uachdaran an tuathanaich ann am bailtean ri taobh na mara, gun fhearann gu leòr aca. Mar sin, bha caoraich taobh a-staigh agus b' fheudar dhan croitearan obrachadh mar iasgaich no ann an gnìomhachas ceilp, bunan eile airgeid dhan uachdaran. Nuair a theannaich gnìomhachas ceilp, lorg an croitearan obair anns a' Ghalltachd. Bha aca ri obrachadh 200 latha am bliadhna a-muigh an croit màil a phàigheadh, agus cha robh fearann gu leòr do barran sam bith ach am buntàta.[30]

A dh'aindeoin, cha robh gort mhòr ann an Alba. Thug buidhnean-carthannachd Breatannach biadh gu leòr mòran bàsan leis an acras a chasg. Thog an Eaglais Shaor airgead agus sgaoil biadh gun umhail dha bhuidheann. An àite eaglaise, rinn "Central Board of Management for Highland Relief" an iom-fhuasgladh às dèidh an Gearran 1847. Thog e £210,000 ann an 1847, gu mòr anns a Ghalltachd.[31][30] Gidheadh, bha lèiridh mòr agus aimhreitean a dh' às-phortachadh na gràine. B' fheudar eadar-theachd a dhèanamh dhan armailt fhèin.[32]

Sgrìobh eachdraidhe gun robh feartan as miosa na deagh-euchdachd Bhioctòrianach air a' bhùird.[33] Cha robh cobhair do duine gu seilbh sam bith, ach seach mar a bha ann an Èireann, cha b' fheudar am fearann aca a liubhairt.[34] Bha an cuibhreann làthail (ann an coirce neo maois) gu tòisich 24 uingean gach duine, 12 gach mnà, agus 8 gach pàiste. (Cha sin biadh gu leòr a gheibh iad ann). Bheagaich an ùghdarras an cuibhreann leis an eagal gun do rinn an sochairean leisgeachd. B' fheudar obrachadh; bha "rathad na goirt" anns a' Ghàidhealtachd cuideachd.[30]

Fuadaichean

[deasaich | deasaich an tùs]
Duilleag mhòr: Fuadach nan Gàidheal

Gu mòr, thug an uachdaran tìodhlac dhan faothachadh agus fiachan a mhaitheanas. Gidheadh, b' fhearr leotha gun do fhalbh an croitearan do nach urrainn màil a phàigheadh. Fo bagairt fèich is fuadachaidh, b' fheudar dhan croitearan falbh às a "cheann fhèin." Phàigh ùghdarrasan air eilthireachaidh 16,000 Gàidheil do Chanada, agus eilthirich faisg air 90,000 Gàidheil gu lèir.[30]

Chiall bailtean-croitearachd treasamh àireimh-sluaigh eadar 1840 is 1860,[30] àireamh nas motha gu co-rèireach san eileanan agus ceàrnan iomallaich. Ann an Àird nam Murchan, dh'fhuadaich Sàr James Milles Riddell 40 sa chuid àireimh-shluaigh gus 1856.[33][35]

Chàin a' phàipearan-naidheachd Gordon of Cluny, uachdar Barraigh, Èirisgeigh, agus Uibhist a Deas, air fuadaichean mì-laghail is diùltainn cobhair a phàigheadh. Nuair a thàinig dà mhìle Bharrach agus Uibhisteach do Chanada, thuirt Hector Munro às Hamilton, Ontario gum b' iadsan na daoine as ainnis a faic e a-riamh.[36]

A dh'aindeoin an droch chliù a tha aige, sholair an Diùc Chataibh gu nas fheàrr don croitearan ann an Cataibh. Ruig iad don Ghalltachd gu math còmhdaichte agus biadhta. Thug e airgead dhan màladairean aige aig nach robh cùmhnadh gu leòr airson eilthireachaidh.[36]

Ceanglaichean-lìn

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Kinealy, Christine (1994): This Great Calamity. Gill & Macmillan. ISBN 0-7171-1881-9.  Td. 342.
  2. Sir William Wilde, "Table of Cosmical Phenomena," td. 124-32; Dickson, "The other great famine," ann an Cathal Póirtéir, (deas.) The Great Irish Famine (1955), Mercier Press, td. 53-55; agus David Dickson, "The gap in famines: a useful myth?", ann an E. Margaret Crawford (deas.), Famine: the Irish experience, Edinburgh: John Donald, 1989, td. 97-98
  3. [1]
  4. Litton, Helen (1994): The Irish Famine: An Illustrated History. Wolfhound Press. ISBN 0-86327-912-0. 
  5. Grattan, Henry, (deas.) The Speeches of the Right Honourable Henry Grattan: In the Irish, and in the Imperial Parliament (1822) air loidhne.
  6. 6.0 6.1 6.2 Laxton, Edward (1997): The Famine Ships: The Irish Exodus to America 1846–51. Bloomsbury. ISBN 0-7475-3500-0. 
  7. Komlos, John (2007): “European heights in the early 18th century,” ann an: Vierteljahrschrift für Sozial-und Wirtschaftsgeschichte, leabhar 94, àir. 3, td. 271–284. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2013.
  8. Bourke, P. M. Austin (1960): The Extent of the Potato Crop in Ireland at the time of the Famine Leabhar XX, Part III. Dublin, Ireland: Statistical and Social Inquiry Society of Ireland, td. 1–35. Air a thogail 10mh dhen Ghiblean 2011. 
  9. 9.0 9.1 Paddock, W. C (1992): Our Last Chance to Win the War on Hunger. 
  10. Boyle, Phelim P., Ó Gráda, Cormac (An t-Samhain 1986): Fertility Trends, Excess Mortality, and the Great Irish Famine Leabhar 23, td. 9, 543–562. doi:10.2307/2061350. 
  11. Woodham-Smith, Cecil [1962] (1991): The Great Hunger: Ireland 1845–1849. Penguin. ISBN 978-0-14-014515-1. 
  12. "Historical Notes: God and England made the Irish famine". Independent. 3 dhen Dùbhlachd 1998. Retrieved 21 April 2014.
  13. Trevelyn, Laura (2012): A Very British Family: The Trevelyans and Their World. I.B.Tauris. ISBN 978-1780762876. 
  14. "The Great Famine". Parliament UK. Retrieved 21 April 2014.
  15. Mitchel, John (1869): The history of Ireland: from the Treaty of Limerick to the present time. James Duffy. 
  16. "The Census of Ireland for the Year 1851: Part VI General Report". 1856. p. lv. {{cite web}}: |contribution= ignored (help)
  17. E.G. Ravenstein, "On the Celtic Languages of the British Isles: A Statistical Survey", ann an Journal of the Statistical Society of London, àirde fuaime 42, àmh. 3, (An t-Sultain 1879), td. 584.
  18. Gallagher, Thomas (1987): Paddy's Lament, Ireland 1846–1847: Prelude to Hatred. Houghton Mifflin Harcourt. ISBN 978-0-15-670700-8. Air a thogail 24mh dhen t-Sultain 2010. 
  19. F.S.L Lyons,Ireland Since the Famine (1985)
  20. The Irish famine Opening old wounds”. The Economist. Air a thogail 28mh dhen Fhaoilleach 2017.
  21. Póirtéir, Cathal (1995): The Great Irish Famine. RTÉ/Mercier Press, td. 156. ISBN 1-85635-111-4. 
  22. Ross, David (2002): Ireland: History of a Nation. New Lanark: Geddes & Grosset, td. 226. ISBN 1-84205-164-4. 
  23. "Boston Irish Famine Memorial". Boston.com. Retrieved 2008-10-31.
  24. 24.0 24.1 Duffy, Peter (2007): The Killing of Major Denis Mahon. HarperCollins, td. 312, 323. ISBN 978-0-06-084050-1. 
  25. Gray, Peter (1995): The Irish Famine. New York: Harry N. Abrams, Inc. 
  26. Kinealy, Christine (1994): This Great Calamity. Gill & Macmillan, td. 353. ISBN 0-7171-1881-9. 
  27. Ritschel, Dan (1996): The Irish Famine: Interpretive & Historiographical Issues. Department of History, University of Maryland. Air a thasglannadh [o http://www.umbc.edu/history/CHE/InstPg/RitFamine/irish-famine-historiographical-issues.html] 21mh dhen Ghearran 2009. 
  28. Writing of the Irish Famine(Beurla). Oilthigh Oxford. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.
  29. Skibbereen. Air a thogail 13 January 2007.
  30. 30.0 30.1 30.2 30.3 30.4 30.5 Devine, T M (2012): The Scottish Nation: A Modern History. London: Penguin, td. 191. ISBN 978-0-718-19320-1. 
  31. Allen, Grahame (29 dhen Chèitean 2012): Inflation: the value of the pound 1750-2011 RESEARCH PAPER 12/31. Westminster: House Of Commons Library. Air a thogail 3s dhen Ghearran 2015. 
  32. "Potato Riots at Inverness". Stamford Mercury. 13 February 1846.
  33. 33.0 33.1 Lynch, Michael (1992): Scotland: A New History. London: Pimilico, td. 372. ISBN 0-7126-9893-0. 
  34. "Destitution in the Highlands". Morning Post. 18 January 1851.
  35. MacKenzie, Sir Alexander [1883] (): The History of the Highland Clearances, td. 233-35. ISBN 9781290904506. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2017. 
  36. 36.0 36.1 Hector Munro, às-earrann ann an "Highland Emigrants". Inverness Courier. 29 January 1852.