Jump to content

Language Death (David Crystal)

O Uicipeid

Anns an leabhar Language Death bheir David Crystal dhuinn bun-fhiosrachadh air bàs cànain. Tha an t-eòlas aige stèidhichte air rannsachadh aige fhèin agus obair a chaidh fhoillseachadh ann an irisean cànanais agus leabhraichean air a’ chuspair. Togaidh e còig ceistean:

  • 1. Dè th’ ann am bàs cànain?
  • 2. Carson a dh’fheumas sinn bodraigeadh?
  • 3. Carson a bhàsaicheas cànanan?
  • 4. Càit an tòisich sinn?
  • 5. Dè ghabhas dèanamh?

Anns an ro-ràdh mìnichidh Crystal ciamar a thàinig cànan-eòlaichean gu co-dhùnadh aig co-labhairt cànanachais ann an 1992 gu bheil droch fheum aig mion-chànanan air taic agus gun tàinig cànan-eòlaichean bho gach ceàrnaidh an t-saoghail còmhla airson beachdachadh air an t-suidheachadh agus na ghabhas dèanamh an aghaidh bàs cànain. Tha Crystal glè làidir den bheachd gu bheil cànanan a cheart cho àraidh air sàbhaladh is a tha beathaichean is lusan, agus gun urrainn ath-bheothachadh cànain a bhith soirbheachail.

Anns a’ chiad chaibideil feuchaidh e ri tighinn gu co-dhùnadh air cò mheud cànan a th’ anns an t-saoghal agus cò mheud dhiubh a tha ann an cunnart bàis. Chan eil eòlaichean uile ag aontachadh air cò mheud cànan a tha ann agus ’s e ceist dhoirbh a th’ innte air sgàth ’s nach eil e soilleir dè th’ ann an cànan fa leth agus a’ cheist eile cuin a tha cànan beò. Chan eil Crystal toilichte leis an dòigh luachaidh a tha aig mòran eòlaichean le bhith a’ cunntadh àireamh an luchd-labhairt agus ag innse bho sin a bheil cànan ann an cunnart. Tha esan den bheachd gu bheil measgachadh nan àireamhan agus an t-suidheachaidh chultarail cudromach airson dealbh slàn a shealltainn. Ainmichidh e diofar dhòighean air seòrsachadh ìre-cunnairt nan cànanan, is mu dheireadh thig e gu co-dhùnadh gu bheil mu 6,000 cànan ann ach ged a chuireas iomadachd beachd bho eòlaichean air adhart gum bàsaich eadar 25 is 80% de na cànanan anns a’ cheud bliadhna a tha romhainn, canaidh esan nach eil e comasach ach tuairmeas a thoirt bho sin. Nì e a-mach cuideachd gu bheil 94% nan daoine a’ bruidhinn 4% de na (mòr-) cànanan agus dìreach 4% de na daoine a’ bruidhinn 94% de na cànanan, cuid dhiubh le glè bheag de luchd-labhairt.

Togaidh Crystal an uair sin a’ cheist carson a tha e cudromach cànanan a shàbhaladh agus ’s e sin a’ cheist air am bi an leabhar air fad stèidhichte. Tha e an aghaidh na h-argamaid gum biodh e na bhuannachd mura biodh ach aon chànan san t-saoghal. Tha e den bheachd gu bheil cànanan luachmhor is cudromach don iomadachd chultarail. ’S e pàirt air leth cudromach a th’ ann an cànanan den chultar agus ’s fhiach e cànanan a chumail beò gus iomadachd an t-saoghail a neartachadh. Tha cànanan cuideachd riatanach airson fèin-aithne agus le sin do shlàinte is beartas nan daoine. Togaidh e air cuot bho Aryon Dall’Igna Rogrigues a chì cànanan mar shealladh den t-saoghal, is le sin bhàsaicheadh sealladh sònraichte le gach cànan a thèid à bith. Tha Crystal den bheachd cuideachd gu bheil cànanan inntinneach fa-leth agus ’s fhiach e an cumail dìreach air sgàth sin agus gus rannsachadh a dhèanamh air tùsan cànain.

Tha e air leth cudromach na puingean seo a thogail air sgàth ’s nach obraicheadh ath-bheothachadh no gleidheadh cànain gun fhios aig na daoine carson a tha iomadachd chànan cho cudromach dhan t-saoghal. Seallaidh Crystal na h-adhbharan glè shoilleir le iomadh eisimpleir is cuotaichean bho chànanaichean eile. ’S e am prìomh amas aige sealltainn dhan t-saoghal carson as fhiach e cànanan a ghleidheadh.

Bheir an t-ùghdar sùil air na h-adhbharan air bàs cànain agus dealaichidh e dà sheòrsa: bàs nan daoine a bhruidhneas cànan, mar eisimpleir tro chogadh, tachartasan nàdarrach no tinneasan mòra, agus bàs a’ chànain fhèin leis na daoine fhathast beò. Tachraidh an dàrna adhbhar gu tric ann an cultaran fo bhuaidh chultaran eile le droch inbhe, trioblaidean sòisealta is eaconomaigeach is cultaran gun chumhachd phoilitigeach. Gu tric bidh muinntir de aon chànan a’ cur casg air muinntir cànain eile an cànan aca a bhruidhinn, gu tric le peanasan, is le sin a’ cruthachadh droch inbhe, dì-mhisneachd agus ìomhaigh cheàrr air a’ chànan agus a’ chultar. Tro sin bidh daoine a’ sgur an cànan aca a bhruidhinn agus a’ leasachadh droch fhaireachaidhean. ’S e imrich adhbhar eile airson call cànain agus daoine a’ fàgail an cultair is an cànain an dàrna taobh airson cànain eile anns an àite ùr. Seallaidh Crystal cuideachd buaidh dà-chànanais air mion-chànanan. Mìnichidh e gun tèid clann le mion-chànan a thogail gu tric le dà chànan. Chì Crystal trioblaid ma chithear am mion-chànan mar chànan an taighe is an traidisein agus am mòr-chànan mar chànan an t-saoghail mhòir. Le sin chan fhaicear adhbharan riatanach gach cànan a chumail agus a chur air adhart dhan ath ghinealach oir chan fhaic daoine òga buannachdan anns a’ mhion-chànan.

Tha beachd sònraichte aig Crystal air na ghabhas dèanamh gus cànanan a shàbhaladh. Tha e den bheachd gum feumar mothachadh cànain a neartachadh agus deagh fhaireachdaidhean a bhrosnachadh air a’ chànan sa choimhearsnachd, air sgàth ’s nach eil gach duine mothachail gu bheil an cànan ann an cunnart agus gun gabh rudeigin a dhèanamh. Cha bhruidhinn e fiù ’s mu dheidhinn dòighean “top-down”, mar a bhios eòlaichean eile a rannsaicheas air a’ chuspair seo, ach tha e gu làidir den bheachd nach bi ath-bheothachadh cànain soirbheachail mura bi gach neach sa choimhearsnachd deònach an cànan a bhruidhinn agus a chur le fios air adhart dhan ath ghinealach. Gus sin a dhèanamh feumar an cànan fhaicinn mar phàirt cudromach den chultar agus tha Crystal cinnteach nach gabh cànan a shàbhaladh mura bi sin a’ tachairt. Chan ainmich Crystal taic bhon riaghaltas no ùghdarrasan, ach gum feum an oidhirp a thighinn bho na daoine fhèin le taic bho chànan-eòlaichean.

Freagraidh an leabhar na ceistean as cudromaich air bàs is ath-bheothachadh cànain ann an dòigh glè shoilleir. Tha cànan an ùghdair furasta ri thuigsinn ged a tha e aig ìre àrd acadamaigeach. Cleachdar pailteas de dh’eisimpleirean gus na h-argamaidean a neartachadh, agus seallaidh liosta nan tùsan gun do rinn Crystal fhèin tòrr rannsachaidh air cànanan, agus tha e comasach seo a chleachdadh san leabhar seo. Seallaidh e gu bheil droch fheum aig cànanan air taic gus an gleidheadh, gu bheil sin cudromach dhan t-saoghal ann an iomadach dòigh agus gu bheil e comasach cànanan a shàbhaladh ma tha luchd-labhairt mothachail air na tha a’ tachairt, a’ faicinn cànan mar phàirt riatanach an cultair agus ag iarraidh an cànan a ghlèidheadh.

Crystal, David (2000): Language Death. Cambridge: Canto ISBN 0521012716