A' Ghlas-bheinn
Coltas
A' Ghlas-bheinn | |
---|---|
Àirde (m) | 918 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
'S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns a' Ghlas-bheinn. Tha i 918m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte air cùlaibh a' Mhormhaich agus Innis a' Chrodh taobh tuath air Bealach an Sgàirne.
'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap a' Ghlas-bheinn bho Ghleann Chòinneachain agus Bealach an Sgàirne. [1] Bidh cuid de dhaoine a tha airson na beanntan rothaich a shreap, ga cheangal le Beinn Fhada bho Bhealach an Sgàirne.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Beinn Fhada, beanntan Chinn Tàile, Sgùrr nan Ceathramhnan ann an Gleann Afraig agus Chill Fhaolain.