Jump to content

Cabhcas

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 12:58, 30 dhen t-Sultain 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Mapa tìr-chunntas nam Beanntan Cabhcasach (Beurla)

'S e mòr-roinn nàdarra eadar àirde an ear na An Roinn Eòrpa agus àirde an iar Àisia a th' ann An Cabhcas. The e suidhichte eadar A' Mhuir Dhubh agus a' Mhuir Chaspach. Tha an Cabhcas air a shìneadh air feadh shia dhùthchannan: Airmeinia, Asarbaideàn, A' Chairtbheil, Ioràn, An Ruis agus An Tuirc.[1]

'S dòcha gur ann à Caucas, sinnsear miotasach daoine na sgìre, a tha an t-ainm. Air rèir beul-aithris, b' e mac Tofamah agus ogha Jafeth (mac Noah sa Bhìobaill) a bh' ann an Caucas.[2] Bha seachdnar mic aige: Kartlos, sinnsear nan Cairtbheileach; Haik, sinnsear nan Airmeiniach; Lekos, sinnsear nan Lezgineach; Heros à Hereti; Movakos; Kavkas; agus Egros (air neo Egrisi). Tha teòiridh eile ann, a chanas gun tàinig an t-ainm à Kaukasos, buachaille miotasach Greugach, air a mharbhadh le Cronos anns na beanntan air an ainmeachadh an a dhèidh. Ann am miotas-eòlas nan Greugach, b' e aon dhe na colbhan a bheireadh an saoghal a bh' ann an Kaukasos. Chanadh gu robh Prometeus air a phrìosanachadh le Zeus anns na beanntan seo. Chithear liosta mar a chanar an ainm ann an cànan eile, mar a leanas:[3]

Chuir Jarosław Dąbrowski seachad ceithir bliadhna bho 1855 gu ruige 1859 na oifigear san Arm is e a' sabaid ann an aghaidh nan Czerkess às leth an tsar. Fhuair e bonn leis cho gaisgeach 's a bha e.[4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Eurasia 1945
  2. Jean Radvanyi et Nicolas Beroutchachvili, Atlas géopolitique du Caucase. Russie, Géorgie, Arménie, Azerbaïdjan : un avenir commun possible ?, Éditions Autrement, 2009, ISBN 978-2-7467-1296-6
  3. Lenguas del Cáucaso(Spàinntis). Promotora Española de Lingüística. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. R. Dubois, À l'assaut du ciel : la Commune racontée par Raoul Dubois, Les Éditions ouvrières, Paris, 1991 (ISBN 2-7082-2880-3)