Jump to content

Altenburg

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 07:21, 27 dhen t-Sultain 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Altenburg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Altenburger Land
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 5° 59' 06' Tuath
12° 26' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 45.6 km²
Àireamh-shluaigh 32,992 (2013)
Dlùths 723.51/km²
Àireamh fòn 03447
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach ann an cridhe na Gearmailt a th’ ann an Altenburg. 'S ann à alten (sean) agus burg (dùn) anns a' Ghearmailtis a tha an t-ainm. Tha Altenburg suidhichte aig 202m os cionn ìre na mara ri taobh na h-Aibhne Pleiß eadar Leipzig agus Chemnitz, anns an stàit Thüringen, 90km air falbh bho Dresden, 183km bho Bherlin 58km agus 345km bho Rostock.[1] Tha am baile a' buntainn dhan cheàrn (Gearmailtis: Kreis) Altenburger Land agus tha 32,992 duine a' fuireach ann.[2]

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 976 leis an Easbaig Zeitz.[3] Bhuineadh Altenburg dhan Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg eadar 1680 agus 1826 agus an uair sin b' e prìomh-bhaile Dhiùcachd Sagsainn-Altenburg a bh'ann gu ruige 1920. 'S e feachdan nan Stàitean Aonaichte a shaoraich am baile aig deireadh an Dàrna Cogaidh air 15 an Giblean 1945.[4]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luftlinie
  2. Statistik Thüringen
  3. Residenzschloss Altenburg
  4. Lexikon der Wehrmacht

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]