Jump to content

Antwerpen

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 12:15, 15 dhen Iuchar 2021 le Allmhurach (deasbaireachd | mùthaidhean) (Eachdraidh)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Antwerpen
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Bheilg
Ceàrn Flannras
Sgìre Provincie Antwerpen
Co-chomharran 51° 13' 04 Tuath
04° 24' 01 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 204.51 km²
Àireamh-shluaigh 523,248 (2018)
Dlùths 2,558.54/km²
Àireamh fòn + 32 03
Duilleag oifigeil https://www.antwerpen.be/

'S e baile mòr eachdraidheil agus port marsanta cudromach faisg air Gent agus Zundert, ann an taobh tuath na Beilge, suidhichte aig ìre na mara, 's a th' ann an Antwerpen (IPA: ˈɑntʋɛrpə(n), Fraingis: Anvers, Spàinntis: Amberes). Tha am baile rim faotainn aig inbhir na h-Aibhne Scheldt (IPA: sxɛldə), a shruthas dhan Chuan a Tuath. 'S ann ann an roinn Provincie Antwerpen, ann am Flannras a tha e, far a bheil Duitsis ga bruidhinn. Tha 523,248 a’ fuireach ann, le sin 's e an dàrna bhaile nas motha na dùthcha an dèidh na Bruiseil.[1]

Freumh-fhaclachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar dhen bheachd gur ann à Andverpas air neo Andwerpas air a' chlàradh ann an laideann ann na meadhann aoisean 's a tha an t-ainm, a tha a' dol air ais gu dà fhacal Gearmaineach: anda (Gàidhlig: an aghaidh, air an taobh thall) agus werpum (Gàidhlig: làimhrig-mhòr). Mar sin, biodh leth-innseach neo ros a bh'ann ciall an ainm.[2]

Chaidh an leabhar Lazarillo de Tormes fhoillseachadh an seo airson a' chiad turais ann an 1554.[3] Bhris a-mach An t-Ath-Leasachadh Pròstanach le aimhreit agus ainneart an seo anns An Lùnasdal 1566, mar ann an iomadh àite eile sna tìrean ìosail. Chaidh Fernando Álvarez de Toledo y Pimentel le arm mòr a chur an àite an tànaisteir Margarita de Parma leis an Rìgh Flip II na Spàinne, airson an t-ar-a-mach a chur sìos. Nuair a thòisich Cogadh nan Ochdad Bliadhna ann an 1568, thuit malairt eadar Antwerpen agus Bilbao a-mach à chèile agus cha tugadh piseach air an staing siud a-chaoidh. Air 4 an t-Samhain 1576, thug saighdearan na Spàinne ionnsaigh air a' bhaile, latha dubharach air a bheil Creach Antwerpen air neo Caothach nan Spàinnteach (Duitsis: Spaanse Furie, Spàinntis: Saqueo de Amberes): chuireadh 7,000 daoine gu bàs, chaidh 800 taighean a losgadh agus b'fhiach an sgrios agus milleadh nas motha na £2 muillean.[4] Thuit Antwerpen gu feachdan na Gearmailt an dà chuid ann an 1914Cogadh a' Cheusair agus cuideachd ann an 1940 rè'n Dàrna Cogaidh.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cunntas-sluaigh na Beilge
  2. Toponymisch Woordenboek van België, Nederland, Luxemburg, Noord-Frankrijk en West-Duitsland (vóór 1226), 1960, Tom De Herdt, Jenne De Wolf, Hugo Pauwels, Annelies Wouters en Jozef Van Loon, Universiteit Antwerpen
  3. Benito-Vessels, Carmen, and Michael Zappala, Eds. The Picaresque: A Symposium on the Rogue’s Tale. Newark, NJ: University of Delaware Press / London & Toronto: Associated University Presses, 1994.
  4. Pieter Génard, La Furie espagnole. Documents pour servir à l'histiore du sac d'Anvers en 1576, 1876.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]