Jump to content

İbrahim nan Otomanach

O Uicipeid
İbrahim nan Otomanach
sultan Impireachd nan Otomanach

9 dhen Ghearran 1640 - 12 dhen Lùnastal 1648
Murad IV - Mehmed IV (en) Translate
Beatha
Breith Constantinople (en) Translate, 5 dhen t-Samhain 1615
Dùthaich Impireachd nan Otomanach
Bàs Constantinople (en) Translate, 18 dhen Lùnastal 1648
Àite-adhlacaidh Q55700548 Translate
Nàdar a’ bhàis murt duine
Teaghlach
Athair Ahmed I
Màthair Mahpeyker Kösem Sultan
Cèile Hümaşah Sultan (en) Translate
Şivekar Sultan (en) Translate
Càraid Saliha Dilaşub Sultan (en) Translate
Turhan Sultan (en) Translate
Muazzez Sultan (en) Translate
Saçbağı Sultan (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Dreuchd
Dreuchd flaitheach
Creideamh
Creideamh Ioslam

B' e seachdamh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am İbrahim (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg', Murād-ı Rābi, Istanbul 5 an t-Samhain 1615–Istanbul 18 an Lùnastal 1648).[1] B' e dara mhac Ahmed I agus Kösem Sultan, às A' Ghrèig, a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1640 gus a chaochail e ann an 1648. Bha e fo bhuaidh agus stiùireadh a mhàthar is cuid a dhaoine eile gu ruige 1632, air sàilleabh gu robh e uabhasach fhèin òg. Bha dubh-choimeasg ann fad bliadhnaichean o chionn ’s nach robh duine sam bi os cionn na stàite. Thug Ioràn ionnsaigh air Ioràc, nochd ar-a-mach ann an Aisia Bheag agus ann an 1631 sheas na Yeniçeri an aghaidh mhinistearan ann an Istanbul. Chuir e a bhràthair-chèile gu bàs anns An Èipheit. Thoirmisg e iomadh rud coirbte. Chuireadh esan fhèin gu bàs duine sam bith a chitheadh a' cleachdadh Alcol, cofaidh agus tombaca.[3] Bha e an aghaidh deoch làidir mar riaghladair ged a dh'òladh e fhèin torr.[4] Cuideachd mharbhadh e mòran dhaoine air adhbharan caran neònach. Thug e ionnsaigh air Ioràn ann an cogadh a mhair bho 1623 gu ruige 1639 agus cheannasaich e Asarbaideàn, Baghdad agus Airmeinia an Iar. Chruthaich sin na crìochan eadar An Tuirc, Ioràn agus Ioràc gus ar làithean. Chuir e gu bàs prìosanaich agus sìobhaltach nam mìltean. Bha deichnear mic agus naoidhnear clann-nighean aige, ach cha do mhair ach còignear clann-nighean an deidh a bhàis.[5] Chaochail e le caitheamh a' ghrùthain nuair a bha e dìreach 27 bliadhna a dh'aois.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. All About Turkey
  2. Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
  3. Davis, William (1922). A Short History of the Far East. The Macmillan Company
  4. İnalcık, Halil; Imber, Colin (1989). The Ottoman Empire : the classical age, 1300-1600. New Rochelle, N.Y.: Aristide D. Caratzas. p. 99. ISBN 0-89241-388-3.
  5. Disease and Empire: A History of Plague Epidemics in the Early Modern Ottoman Empire (1453–1600). ProQuest. 2008. p. 145. ISBN 978-0-549-74445-0