Jump to content

Murad IV

O Uicipeid
Murad IV
sultan Impireachd nan Otomanach

10 dhen t-Sultain 1623 - 9 dhen Ghearran 1640
Mustafa I - İbrahim nan Otomanach
Beatha
Breith Constantinople (en) Translate, 27 dhen Iuchar 1612
Dùthaich Impireachd nan Otomanach
Bàs Constantinople (en) Translate, 8 dhen Ghearran 1640 (Julian)
Àite-adhlacaidh Istanbul
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (cirrosis (en) Translate)
Teaghlach
Athair Ahmed I
Màthair Mahpeyker Kösem Sultan
Cèile Ayşe Sultan (en) Translate
Ayşe Mahziba Sultan (en) Translate
Fariha Islam (en) Translate
Şemsişah Sultan (en) Translate
Càraid Sanavber Hatun (en) Translate
Şemsperi Sultan (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Dreuchd
Dreuchd riaghladair agus bàrd

B' e seachdamh Sultan deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu (Gàidhlig: Impireachd nan Otomanach) a bh' ann am Murad IV (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg', Murād-ı Rābi, Istanbul 26 an t-Iuchar 1612–Istanbul 8 an Gearran 1640).[1] B' e dara mhac Ahmed I agus Kösem Sultan, às A' Ghrèig, a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1623 gus a chaochail e ann an 1640. Bha e fo bhuaidh agus stiùireadh a mhàthar is cuid a dhaoine eile gu ruige 1632, air sàilleabh gu robh e uabhasach fhèin òg. Bha dubh-choimeasg ann fad bliadhnaichean o chionn ’s nach robh duine sam bi os cionn na stàite. Thug Ioràn ionnsaigh air Ioràc, nochd ar-a-mach ann an Aisia Bheag agus ann an 1631 sheas na Yeniçeri an aghaidh mhinistearan ann an Istanbul. Chuir e a bhràthair-chèile gu bàs anns An Èipheit. Thoirmisg e iomadh rud coirbte. Chuireadh esan fhèin gu bàs duine sam bith a chitheadh a' cleachdadh alcol, cofaidh agus tombaca.[3] Bha e an aghaidh deoch làidir mar riaghladair ged a dh'òladh e fhèin torr.[4] Cuideachd mharbhadh e mòran dhaoine air adhbharan caran neònach. Thug e ionnsaigh air Ioràn ann an cogadh a mhair bho 1623 gu ruige 1639 agus cheannasaich e Asarbaideàn, Baghdad agus Airmeinia an Iar. Chruthaich sin na crìochan eadar An Tuirc, Ioràn agus Ioràc gus ar làithean. Chuir e gu bàs prìosanaich agus sìobhaltach nam mìltean. Bha deichnear mic agus naoidhnear clann-nighean aige, ach cha do mhair ach còignear clann-nighean an deidh a bhàis.[5] Chaochail e le caitheamh a' ghrùthain nuair a bha e dìreach 27 bliadhna a dh'aois.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. All About Turkey
  2. Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
  3. Davis, William (1922). A Short History of the Far East. The Macmillan Company
  4. İnalcık, Halil; Imber, Colin (1989). The Ottoman Empire : the classical age, 1300-1600. New Rochelle, N.Y.: Aristide D. Caratzas. p. 99. ISBN 0-89241-388-3.
  5. Disease and Empire: A History of Plague Epidemics in the Early Modern Ottoman Empire (1453--1600). ProQuest. 2008. p. 145. ISBN 978-0-549-74445-0