İbrahim nan Otomanach
İbrahim nan Otomanach | |||
---|---|---|---|
9 dhen Ghearran 1640 - 12 dhen Lùnastal 1648 ← Murad IV - Mehmed IV (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Constantinople (en) , 5 dhen t-Samhain 1615 | ||
Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||
Bàs | Constantinople (en) , 18 dhen Lùnastal 1648 | ||
Àite-adhlacaidh | Q55700548 | ||
Nàdar a’ bhàis | murt duine | ||
Teaghlach | |||
Athair | Ahmed I | ||
Màthair | Mahpeyker Kösem Sultan | ||
Cèile | Hümaşah Sultan (en) | ||
Càraid |
Saliha Dilaşub Sultan (en) Turhan Sultan (en) Muazzez Sultan (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | flaitheach | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Ioslam | ||
B' e seachdamh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am İbrahim (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg', Murād-ı Rābi, Istanbul 5 an t-Samhain 1615–Istanbul 18 an Lùnastal 1648).[1] B' e dara mhac Ahmed I agus Kösem Sultan, às A' Ghrèig, a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1640 gus a chaochail e ann an 1648. Bha e fo bhuaidh agus stiùireadh a mhàthar is cuid a dhaoine eile gu ruige 1632, air sàilleabh gu robh e uabhasach fhèin òg. Bha dubh-choimeasg ann fad bliadhnaichean o chionn ’s nach robh duine sam bi os cionn na stàite. Thug Ioràn ionnsaigh air Ioràc, nochd ar-a-mach ann an Aisia Bheag agus ann an 1631 sheas na Yeniçeri an aghaidh mhinistearan ann an Istanbul. Chuir e a bhràthair-chèile gu bàs anns An Èipheit. Thoirmisg e iomadh rud coirbte. Chuireadh esan fhèin gu bàs duine sam bith a chitheadh a' cleachdadh Alcol, cofaidh agus tombaca.[3] Bha e an aghaidh deoch làidir mar riaghladair ged a dh'òladh e fhèin torr.[4] Cuideachd mharbhadh e mòran dhaoine air adhbharan caran neònach. Thug e ionnsaigh air Ioràn ann an cogadh a mhair bho 1623 gu ruige 1639 agus cheannasaich e Asarbaideàn, Baghdad agus Airmeinia an Iar. Chruthaich sin na crìochan eadar An Tuirc, Ioràn agus Ioràc gus ar làithean. Chuir e gu bàs prìosanaich agus sìobhaltach nam mìltean. Bha deichnear mic agus naoidhnear clann-nighean aige, ach cha do mhair ach còignear clann-nighean an deidh a bhàis.[5] Chaochail e le caitheamh a' ghrùthain nuair a bha e dìreach 27 bliadhna a dh'aois.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ All About Turkey
- ↑ Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- ↑ Davis, William (1922). A Short History of the Far East. The Macmillan Company
- ↑ İnalcık, Halil; Imber, Colin (1989). The Ottoman Empire : the classical age, 1300-1600. New Rochelle, N.Y.: Aristide D. Caratzas. p. 99. ISBN 0-89241-388-3.
- ↑ Disease and Empire: A History of Plague Epidemics in the Early Modern Ottoman Empire (1453–1600). ProQuest. 2008. p. 145. ISBN 978-0-549-74445-0