Þjórsárdalur
'S e gleann anns an sgìre Árnessýsla (Suðurland), air an àirde an iar-dheas Innis Tìle ‘s a th' ann an Þjórsárdalur (IPA: θjoursaurˌtalʏr̥). Tha Þjórsárdalur air ainmeachadh às deidh an neach-tuineachaidh Þorbjörn a’ Bhratain. Tha an Landnámabók ag ràdh:
Þorbjörn laxakarl nam Þjórsárdal allan og Gnúpverjahrepp allan ofan til Kálfár og bjó hinn fyrsta vetur að Miðhúsu.[1]
Thug Thorbjörn a’ Bhratain seilbh air Þjórsárdalur air fad, is Gnúpverjahrepp is an t-slighe sìos gu Kálfár agus chuir e seachad a’ chiad gheamhradh aig Miðhús.
'S ann ann an Þjórsárdalur a chithear Þjórsárhraun, an t-achadh làbha nas motha na dùthcha, far a bheil an cratair Kerið (Gàidhlig: Am Mias), agus seallaidhean air a' Bheinn-theine Hekla (Gàidhlig: An Cochall), a tha gu math beò.[2] A bharrachd air sin, 's ann anns a' Ghleann seo 's a tha Háifoss (Gàidhlig: Eas Àrd), eas a tha 122m a dh'àirde, air abhainn air a bheil Þjórsá (Gàidhlig: Abhainn Þorbjörn).
Tha Þjóðveldisbærinn Stöng (IPA: θjoːuðˌvɛltɪsˌpaːirɪnː ˈstœiŋk, Gàidhlig: Tuathanas Co-fhlaitheis Stöng), tuathanas ath-chruthaichte Linntean nan seann Lochlannach ann an Innis Tìle, suidhichte anns a’ ghleann Þjórsárdalur, faisg air rathad 32.[3] 'S e ath-thogail eachdraidheil trì togalaichean, langhús taigh-fada nam measg, a sheas 7 km gu tuath air Stöng Gàidhlig: Clobha). Thathas a' creidsinn gun deach an tuathanas a thiodhlacadh fo luaithre bholcànach ann an 1104 às deidh spreadhadh Hekla. Chaidh na toglaichean a thogail ann an 1974 mar phàirt de chomharrachadh nàiseanta 1100 bliadhna bho thuineachadh Innis Tìle ann an 874.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Snerpa
- ↑ Árni Hjartarson 1988: „Þjórsárhraunið mikla - stærsta nútímahraun jarðar“. Náttúrufræðingurinn 58: 1-16.
- ↑ Þjóðveldisbærinn