Íslendingabók

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Íslendingabók

'S e gheàrr-chunntas goirid air eachdraidh Innis Tìle bho thuineachadh nan Lochlannach gu ruige an 12mh Linn 's a th' ann an Íslendingabók (Gàidhlig: Leabhar Innis Tìle, Laideann Libellus Islandorum, IPA: istlɛntiŋkaˌpouk).[1]

Chaidh Íslendingabók a sgrìobhadh le fear air an robh Ara fróða Þorgilsson anns na bliadhnaichean eadar 1122 agus 1133. 'S e am foillseachadh eachdraidheil as sine ann an Innis Tìle. Chaidh an leabhar seo a sgrìobhadh ann an Innis-Tìlis, ged a bhathar a' sgrìobhadh ann an Laideann aig an àm, leis gu robh e na chànan eadar-nàiseanta nan sgoilearan. Tha cuid a ràdh gun robh Thorgilsson aig toiseach tòisichidh cultair leabhraichean a tha air a bhith gu math làidir ann an Innis Tìle fad linntean agus gun do chuir e air dòigh riaghailtean a thaobh sgrìobhaidh anns a' chànan mhàthaireil aca. Tha stoidhle an sgrìobhadair uabhasach fhin gann agus tha beagan fianais ann fiù 's gu robh Laideann aig Thorgilsson.

Tha leabhar Innis Tìle a' toirt iomradh dhuinn, am measg rudan eile, air fuireach nam manach à Èirinn (na papar) ann an Innis Tìle, tuineachadh Innis Tìle leis na Lochlannaich, stèidheachadh an Alþingi, Crìosdachadh an eilein, coinneamh na Graonlainn agus toiseach tuineachaidh an sin, a bharrachd air an ùine a chaidh a sgrìobhadh. 'S ann às an 17mh linn 's a tha lethbhreac as sine an Leabhair, làmh-sgrìobhainn pàipeir a sgrìobh Jón Erlendsson, a bha na sagart ann am Villingaholt fo Brynjólf Sveinsson, easbaig Skálholt. Sgrìobh Erlendsson an leabhar aige às deidh seann làmh-sgrìobhainn, a tha a-nis air chall, ach thathas a' creidsinn gun deach an làmh-sgrìobhainn thùsail a sgrìobhadh e timcheall air 1200. Chaidh an làmh-sgrìobhainn a chall goirid às deidh dha Erlendsson lethbhreac a dhèanamh dha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Jakob Benediktsson (editor) (1968). Íslenzk fornrit I : Íslendingabók : Landnámabók. Reykjavík. Hið íslenzka fornritafélag

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: