Sgùrr Alasdair
'S i Sgùrr Alasdair a' bheinn as àirde anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach (àirdead: 992m os cionn ìre-mhara).
Shreap Alexander Nicolson Sgùrr Alasdair ann an 1873 airson a’ chiad turais, agus thathar ag ràdh gur esan a’ chiad duine a-riamh a sheas air a mullach. Às dèidh do Norman Collie faighinn a-mach ann an 1887 gur h-i a' bheinn seo an tè às àirde sa Chuiltheann, thugadh an t-ainm Alasdair oirre gus urram a thoirt do Nicolson. Ach ged a thathar ag innse gur esan a’ chiad duine a-riamh a bha shuas oirre, tha rud iongantach mun sgeulachd sin. Chaidh cìobair a bhoineadh dhan àite, fear Aonghas MacRath, còmhla ri Nicolson air a’ chiad chuairt aige agus lean esan e dhan mhullach. Tha sin a’ toirt a chreidsinn gun robh Aonghas eòlach sa bheinn mar thà, agus dh'fhaodadh e a bhith nach b' e Nicolson idir a’ chiad duine a sheas air mullach Sgùrr Alasdair. Chanadh daoine ionadail Sgùrr Lagain [1] rithe bho thùs agus chleachd Alexander Nicolson fhèin an t-ainm sin.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 451 207
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid