Sgùrr Thearlaich

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr Thearlaich. Tha i 787 m a dh'airde.

Chaidh Sgùrr Thearlaich ainmeachadh às dèidh an t-sreapadair ainmeil Charles Pilkington. ’S e ball dhen Scottish Mountaineering Club a bh’ ann agus stiùirich esan, ann an 1887, a’ chiad dìreadh dhen a’ bheinn air an robh North-East Peak [1] gu ruige sin. Is iongantach gun robh ainm Beurla air a’ bheinn, oir tha ainmean Gàidhlig air na beanntan eile air fad agus chan eil e coltach gur e sin an t-ainm a bha air Sgùrr Thearlaich bho thùs. Tha Sgùrr Thearlaich air sgarradh bho Sgùrr Dubh leis an Tearlach-Dubh-Gap (TD-Gap mar a tha aig streapadairean Sasannach), beàrn anns an druim a tha ga dhèanamh doirbh an druim a leantainn gun ròpa.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 449 208