Am Baisteir
'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha anns A' Bhaisteir. Tha e 934m a dh'àirde agus tha e eadar Sgùrr nan Gillean agus Bruach na Frìthe. Gheibhear suas gu furasta tro Choire a' Bhaisteir agus druim an ear na beinne. Ruigear am mullach cuideachd le bhith a' streap suas fiacal a' Bhaisteir agus dhan mhullach bho sin.
Cha robh ciall an ainm an còmhnaidh soilleir agus tha co-dhiù dà mhìneachadh ann. Dh’eadar-theangaichear Am Baisteir gu tric mar “executioner” (bhon fhacal “bàsadair”) ach feumar ràdh gur e “crochadair” [1]a th’ ann an “executioner”. Tha Dwelly a’ moladh “baptiser” airson Baisteir agus sin am mìneachadh as cumanta airson an ainm sin an-diugh. Ma chìthear cruth an sgùrra tha an dà mhìneachadh coltach. Tha creag mhòr gu h-ìosal den mhullach a tha biorach agus air a bheil cruth iongantach. Chithear sin mar làmhag a’ chrochadair no mar ceann sagairt [1] a’ cromadh gu leanaibh airson a bhaisteadh.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ 1.0 1.1 Drummond, Peter 1992. Scottish Hill and Mountain Names. Glasgow: Scottish Mountaineering Trust
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 464 253
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid