Sgùrr Sgumain

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sgurr Mhic Choinnich (làimh cheàrr), Sgurr Sgumain is Sgurr Dubh an Dà Bheinn air am faicinn bho Rubha an Dùnain
A' sreap air Sgùrr Sgumain

'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr Sgumain. Tha i 947 m a dh'airde.

Tha an t-ainm Sgùrr Sgumain a’ tighinn bho “Sguman”. ’S e facal Gàidhlig a th’ ann airson beinne le cruth staic. Chleachdar am facal cuideachd airson soitheach a chleachdar gus uisge a chur a-mach à bàta [1] . Tha An Sguman cuideachd faisg air a’ Chuiltheann eadar na beanntan agus a’ mhuir. Tha pàirt air Sgùrr Sgumain leis an ainm A' Chìoch, ’s e creag mhòr a th’ ann a tha a’ tighinn a-mach à taobh Sgùrr Sgumain coltach ri cìoch. Canar ris Cìoch An Sgumain cuideachd (no Cioch a Sgumain ann an Forbes [1] )Tha a' Chiodh agus Sgùrr Sgumain glè ainmeil le streapadairean, air sgàth 's gu bheil pailteas de rathaidean streip a' dol suas bho Choire Lagain faisg air a' Chìch gu mullach Sgùrr Sgumain.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 448 207