Na Tròiseachan

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Loch anns na Tròiseachan

Tha Na Tròiseachan (no Na Tròisichean) na cheàrn am meadhan na h-Alba. Tha iad ainmichte airson bòichead nàdurrach nam beann is nan gleann is nan loch.

Is e facal àrsaidh a th' anns na tròiseachan, a' ciallachadh nan àite-coise (a-rèir choltais eadar Loch Ath-chrathaigh agus Loch Ceiteirein).

O chionn's gu bheil Na Tròiseachan cho faisg air Glaschu is Sruighlea, tha iad nan ceann-uidhe coiteanta.

B'e a chiad phàirc nàiseanta Albannach Loch Laomainn is nan Tròisichean.

Is e a' bheinn as motha anns na Tròiseachan Beinn Lidi (no Lididh).

Is iad na lochannan Loch Ceiteirein, Drongaidh, Ath-Chrathaigh, Ard, Bheannchair.

Ged a tha an cearn ainmeil airson a bhòichead nàdurrach, tha iomadh baile ann cuideachd, a' gabhail a-staigh Calasraid, Obar Phuill, Srath-Eadhair, agus Both Chuidir.

Tha uaigh an fhear-cùirn ainmeil, Raibeart Ruadh Mac Griogair, ann am Both Chuidir.

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Innealan pearsanta
Namespaces
Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile