Pàircean Nàiseanta na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Ged a thòisich iomairt eadar-nàiseanta nam pàircean nàiseanta às dèidh brosnachadh Albannaich ainmeil, John Muir (eilthireach à Dùn Barra dha na Stàitean Aonaichte), cha d' fhuair Alba fhèin a ciad phàirc nàiseanta gu 2002 — Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean (a' gabhail a-steach Na Tròiseachan, Loch Laomainn, Bràid Albainn, agus pàirt de Chòmhal a tuath).

Thàinig an dara pàirc, Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, ann an 2003, ach bha deasbad ann an toiseach mun ainm cheart sa Ghàidhlig. An coimeas ri Beurla, chan e An Càrn Gorm ach aon bheinn anns an t-sreath air a bheil an t-ainm Am Monadh Ruadh.