‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann an Karlsruhe (IPA: ˈkaɐ̯lsʁuːə: seann dhòigh-sgrìobhaidh: Carlsruhe). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Fois Theàrlaich, bhon ainm Karl (Teàrlach) agus Ruhe (Fois) anns a’ Ghearmailtis. Chaidh am baile a stèidheachadh ann am 1715 mar lùchairt leis an Rìgh Teàrlach Uilleam II à Baden. Tha e suidhichte aig 116m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Rhein (leis An Fhraing air an taobh thall), anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 526km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 253km bho Mhünchen, 64km bho Stuttgart agus dìreach 27km bho Phforzheim.[2] Tha 288,917 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e dàrna baile na stàite, an 21mh baile nas motha na dùthcha[3] Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1970. Tha Àrd-chùirt na Gearmailte air a stèidheachadh ann an Karlsruhe cuideachd.
Daoine ainmeil [deasaich]
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Stadt Halle
- ↑ Краснодар
- ↑ Ville de Nancy
- ↑ City of Nottingham
- ↑ Primăria Municipiului Timişoara
Ceanglaichean a-mach [deasaich]