Àrd-diùcachd Bhaden

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Àrd-Dhiùcachd Bhaden)
Àrd Dhiùcachd Baden
Großherzogtum Baden
  18061918  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-Bhaile Karlsruhe
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 15,082 km2
Àireamh-shluaigh 2,009,320 (1905)
Dlùths 133.23/km2

B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach air an àirde an iar-dheas na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1918 a bh’ anns an Àrd-diùcachd Bhaden (Gearmailtis: GroßHerzogtum Baden).[1] Chaidh Àrd Dhiùcachd Bhaden a chruthachadh nuair a chaidh Iarlachd-crìche Bhaden àrdachadh gu Àrd Dhiùcachd agus a leudachadh a thaobh talmhainn[2] ri linn atharrachadh mòr a rinn Napoleon Bonaparte air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Karlsruhe a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Baden agus leig an t-àrd-diùc Friedrich II dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]

Ceannardan na Stàite[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1806 – 1811: Karl Friedrich
  • 1811 – 1818: Karl
  • 1818 – 1830: Louis I.
  • 1830 – 1852: Leopold
  • 1852 – 1858: Louis II.
  • 1858 – 1907: Friedrich I.
  • 1907 – 1918: Friedrich II.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Almanach de Gotha
  2. Almanach de Gotha
  3. Napoleon
  4. New Advent
  5. Lucha de Clases