Inbhir Aoidhe

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Inbhir Aoidhe
Inverie Knoydart.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Loch Abar
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 2′ 15.72″ Tuath
5° 40′ 59.88″ Iar
Comharradh-clèithe NG766000
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 70 ()

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Aoidhe (Beurla: Inverie). Tha am baile suidhichte san àird a tuath air Loch Nibheis aig cois Sgurr Coire Choinnichean 769m (2,522 troigh). 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 2′ 15.72″ Tuath agus 5° 40′ 59.88″ Iar.

'S e sin an t-aona baile nach eil ceangailte le rathad do bhailtean eile den dùthaich. Tha aiseagan a' ruith eadar Inbhir Aoidhe is Malaig. 'S e 'The Old Forge' an taigh-òsta as iomallaiche air tìr-mòr Bhreatainn agus tha e suidhichte ann an Inbhir Aoidhe.[1]

Cruth an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd ainm a' bhaile aig Dwelly 1912 mar Inbhir Eigh no Inbhir Aoighe.[2] A-rèir Iain Mhic an Tàilleir 's e ainm measgaichte (Gàidhlig/Seann-Lochlannais) a th' ann an Inbhir Aoidh[3] agus ' s e Inbhir Aoidhe cruth ainm a' bhaile a-rèir Ainmean-Àite na h-Alba.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. BBc News Highlands & Islands
  2. Faclair Dwellys
  3. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 66
  4. Ainmean-àite na h-Alba - Inbhir Aoidhe

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: