Loch Nibheis

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°0′N 5°41.5′W / 57°N 5.6917°W / 57; -5.6917

Loch Nibheis
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Nibheis
Suidheachadh Loch Nibheis air a' Ghàidhealtachd

'S e loch-mara ann an Alba a tha ann an Loch Nibheis . Tha e suidhichte ann an Loch Abar air oirthir an iar na dùthcha. Tha e a' dol a-steach don dùthaich bho Linne Shlèiteach. Tha an leth-eilean Cnòideart san àird a tuath agus am baile Mòrar a Tuath sa deas dheth.

Chan fhaighear ann ach le bàta neo aiseag. Tha dà aiseag a' toirt seirbhisean chun an locha. Bidh aon dhiubh a' ruith bho Mhalaig gu Inbhir Aoidhe ann an Cnòideart is Tairbeart Loch Nibheis [1] agus am fear eile, "Knoydart Seabridge" a' dol eadar Malaig is Inbhir Aoidhe.[2]

Tha aiseag aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a bheil an t-ainm "Loch Nibheis". [3]

Tha cuid tuathanas-èisg ann an Loch Nibheis agus 's ann an sin far an do nochd an t-inneas èisg Infectious salmon anaemia airson a' chiad turas ann an Alba ann an Ceitean 1998.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. MV Western Isles cruises
  2. Knoydart Ferry
  3. MV Lochnevis aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn
  4. Report details disease links”, BBC News. 12mh dhen Ògmhios 2001. Air a thogail 19mh dhen t-Sultain 2014. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: