Crìsdean Whyte

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Crìsdean Whyte

'S e bàrd Albannach, sgrìobhadair nobhailichean, eadar-theangair agus neach-sgrùdadh litreacheil a th' ann an Crìsdean Whyte (Beurla: Christopher Whyte).

Rugadh e ann an 1952 ann an Glaschu, agus rinn e ceum aig Colaiste Naoimh Aloysius, agus às dèidh sin, aig Oilthigh Chambridge. Fad' iomadh bhliadhna, dh' fhuirich e anns an Eadailt, mus an do thill e do dh' Alba ann an 1985 gus Litreachas na h-Alba a theagaisg aig Oilthigh Ghlaschu (1990 gu 2005.) Bhon àm sin, tha e air fuireach ann am Budapest, is ag obair mar sgrìobhadair làn-thìde.

An tòiseach, dh' fhoillsich Crìsdean eadar-theangaichean bhàrdachd ùir don Ghàidhlig, a' gabhail a-steach bàrdachd le Pier Paolo Pasolini (ciad foillseachadh ann an 1990,) Konstantinos Kavafis, Yannis Ritsos, Anna Akhmatova. Às dèidh sin, dh' fhoillsich e dà chruinneachaidhean de bhàrdachd aige fhèin sa Ghàidhlig, Uirsgeul (1991) agus An Tràth Duilich (2002.) Aig an aon àm thòichich e rosg a sgrìobhadh anns a' Bheurla agus tha e air foillseachadh ceithir nobhailichean, Euphemia MacFarrigle and the Laughing Virgin (1995), The Warlock of Strathearn (1997), The Gay Decameron (1998) agus The Cloud Machinery (2000). Tha Crìsdean air cruinneachadh leabhraichean de Bhàrdachd ùir is air sgrìobhadh iomadh artagailichean sgrùdaidh is aistichean.

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile