An Tuil (Duanaire)

O Uicipeid

'S e duanaire a tha ann An Tuil (fo-thiotal Beurla: “Anthology of 20th century Scottish Gaelic Verse”) deasaichte le Ronald Black.

Dh’fhoillsich Polygon an duanaire Gàidhlig seo ann an 1999. Leis a' chruinneachadh seo - air son a’ chiad uair - tha taghadh ioma-chuimseach de bhàrdachd Ghàidhlig an fhicheadamh linne ri làimh leughadairean ann an aon leabhar eireachdail tomadach (825 t.d.). Mar a tha eadar-theangachadh Beurla de gach duan ann, cuiridh an leabhar seo an aithne don mhòr-shluagh aig nach eil Gàidhlig beairteas, bòidhchead agus farsaingeachd ealain bhàrdail nan Gàidheal. Tha ceud bàrd air an riochdachadh le barrachd air 350 duain, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, obair nam bàrd a’ leanas: Dòmhnall Ruadh Chorùna, Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, Somhairle MacGill-Eain, Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a’ Ghobhainn, agus Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill. Tha raon leathann de chuspairean ann: àbhachdas, aoir, gràdh, cogadh, creideamh, poilitigs, agus mar sin air adhart. Cuideachd gheibhear san leabhar: roimh-fhacal fiosrachail le Ronald Black, clàr eachdraidheachd agus beath-eachdraidh mhionaideach air son gach bàrd, agus notaichean feumail.

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Bho Editorial Reviews air duilleagan eadar-lìon Amazon