Cleachdaiche:Sionnach/Aisgerbheinn

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°11′19″N 7°22′37″W / 57.188646°N 7.376974°W / 57.188646; -7.376974

Sionnach/Aisgerbheinn

Aisgerbheinn leis a' chuaraidh
Àirde (m) 126
Àirde (tr) 413
Àirde rinneach (m) 85
Màthair-mhullaich Stulabhal
Suidheachadh
Sionnach/Aisgerbheinn is located in Alba
Sionnach/Aisgerbheinn
Sionnach/Aisgerbheinn (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (22)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF753237

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Aisgerbheinn.

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann an Uibhist a Deas faisg air a' bhaile Aisgernis agus ear air an rathaid A865 eadar Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail. Tha Aisgerbheinn 126m (413 troigh) de dh'àirde.[1] Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Bho mhullach Aisgerbheinn gheibhear deagh shealladh air a' mhachair agus thairis air a' mhuir gu Barraigh. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 85m a' sgaradh Aisgerbheinn bho na beanntan eile agus 's e Stulabhal a mhàthair-mhullaich.

Air sliabh an iar Aisgerbheinn tha cuaraidh ann a tha aig MacAulay Askernish Ltd.[3] Tha an cuaraidh clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba cuideachd.[4]

Ann an 1982/83 rinneadh pròiseact rannsachaidh mu chumhachd na gaoithe air agus timcheall air Aisgerbheinn. Air sgàth sin chaidh barrachd na 50 crann a thogail air a bheinn airson tomhas na gaoithe.[5] An-diugh tha slighe ann bho Aisgernis gu crann air sliabh a deas na beinne, ach chan eil an t-slighe a' leantainn gu mullach na beinne.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 11 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
  2. Database of British and Irish Hills”. Làrach-lìn. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
  3. MacAulay Askernish Ltd(Beurla). Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2016.
  4. Canmore ID 277201(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2016.
  5. Taylor, P. A. ⁊ H. W. Teunissen (April 1987): “The Askervein Hill project: Overview and background data,” (Beurla), ann an: Springer (Foills.): Boundary-Layer Meteorology, àir. April 1987, Volume 39, Issue 1, td. 15-39. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2016.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]