Barraigh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Barraigh
Sealladh air Bàgh a' Chaisteil

'S e eilean deasaich nan Innse Gall a tha ann am Barraigh neo Eilean Bharraigh. Tha ainm an eilein a' ceilearadh misionaraidh Èireannach dom b' ainm Fionn-Barr. A rèir traidisean, thàinig Fionn Barr gu h-Alba le Calum Cille. Is e eilean beag a tha ann, mu seachd mìle o cheann gu cheann.

Tha cala math aig Bàgh a' Chaisteil air taobh deas an eilein, far a bheil lamraig le link-span. Tha am bàgh ainmichte airson Caisteal Chiosmuil, seann cathair MhicNèill.

Seòlaidh bàta-aiseig dhan Òban, 3 uiread 's seachdainn rè a' gheamhraidh.

Is e àireamh-sluagh an eilein mu 1300 ceann daoine, an cuid as motha dhaibh nan Caitligich.

Rinn Compton Mackenzie am film Whisky Galore ann am Barraigh. Chaidh a thìodhlacadh ann an Eòlaigearraidh.

Tachartasan[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich fèis ann am Barraigh ann an 1981, Fèis Bharraigh. Bha am fèis cho soirbheachail 's gun deach fèisean eile a chur air dòigh air feadh Alba.

Thòisich rèis ris an canar am 'Barrathon' ann an 2000. 'S e an t-astar leth-mharathon a' dol timcheall an eilein. [1]

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • Mac'Ille Mhaoh, An t-Athair Urr. Iain (1938). 'Barraidh', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 106-112.


Ceanglaidhean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. The Barrathon