Gneiss

O Uicipeid
Gneiss liath

'S e clach cumanta a tha ann an gneiss. Chaidh a cruthachadh à clachan tùsanach, mar a b' àbhaist clach theinnteach no clach ghrùideach tro phròiseas chruth-atharrachail a bha a' tachairt san àite seo. Canar Orthogneiss ri gneiss a thàinig bho chlachan teinnteach, mar is trice tha i dathte agus canar paragneiss ri tè a chaidh a cruthachadh à clachan grùideach, mar is trice tha i liath. Tha coimeasg na cloiche a' crochadh air a' chloich tùsanach air sgàth 's gun robh na gràinnean mèinnireach ann ron phròiseas chruth-atharrachail.

Thathar den bheachd gun tàinig am facal "gneiss" bhon fhacal Gearmaineach "gneist" a tha a' ciallachadh "a' sradadh", air sgàth 's gu bheil a' chlach a' boillsgeadh.

'S e seòrsa sònraichte de ghneiss a tha ann gneiss Leòdhasach a chaidh a cruthachadh à clach-ghràin agus gneiss. 'S aon de na clachan as sine air feadh an t-saoghail a th' innte agus tha i cumanta anns na h-Eileanan Siar.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]