Clàrsach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha an aiste seo air clàrsaich san fharsaingeachd - faic cuideachd cruit is clàrsach Albannach

Tha clàrsach na inneal-ciùil nan teud. Cleachdar "taigh nan teud" mar far-ainm.

'S e cruit an t-ainm a tha air clàrsach beag.

'S e orghan-ciùil teudach trì-cheàrnach a th' anns a' chlàrsaich neo a' chruit.

Mar as trice, bidh teudan na clàrsaich ag éirigh gu dìreach a cuim na clàrsaich. Bidh teudan, com agus corr air a h-uile clàrsaich ach cha bhith làmh-chrann oirre daonnan. Canar clàrsach thrì-ballach ri clàrsaich aig a bheil làmh-chrann agus clàrsach dhà-bhallach ri té aig nach eil làmh-chrann. Bidh cuid de chlàrsaichean gan seasamh air an ùrlar agus cuid eile gan cuir ann an uchd a' chlàrsair, a-réir a' mheud. Faodaidh teudan clàrsaich a bhith de dh'umha, de chopair, de dh'fheòil caolain, de chalg, de shìoda neo de naidhlean, am measg rudan eile. Canar clàrsair/bana-chlàrsair ri neach a sheinneas a' chlàrsaich.

Gheibhear caochladh sheòrsachan de chlàrsaichean air feadh Afraga, an Roinn Eòrpa, Aimearaga agus roinnean de dh'Àisia. B' àbhaist seasamh àrd a bhith aig a' chlàrsaich agus an liora am measg a' chuid a bu mhotha de chinnidhean an t-saoghail. Anns an Roinn Eòrpa, chaill a' chlàrsaich a seasamh tràth anns an 19mh linn oir shaoil sgrìobhadairean ciùil gur e ionnsramaid do bhoireannaich a bh' innte bhon a lean móran bhoireannach cleas Marie Antoinette ann a bhith a' gabhail ùidh innte.

A thaobh Aeolian harp (clàrsach gaoithe), autoharp neo cumadh sam bith den liora neo ciothara, chan e clàrsaichean a th' annta seo air sgàth s nach bi na teudan aca ag éirigh gu dìreach a cuim na clàrsaich. Bidh na teudan aca seo a' dol tarsainn na cuime agus mar sin buinidh na h-ionnsramaidean seo dhan ghné-orghain zither, mar a bhuineas agus pianoforte is harpsichord.

Ann an ceòl nam Blues, canar Blues harp ris a' harmonica ach chan e orghan teudach a th' innte sin nas motha ach orghan gaoithe.

Thathar a' cur an ceann gun d'thàinig an t-ainm clàrsach bho na faclan clàr seileach ach chan eil anns an seo ach beachd. Gur math a dh'fhaodte gu bheil am facal togte as an fhacal clàr agus an leasachan -seach a tha a' dèanamh an fhacail clàr boireanta. Leanadh seo seann chleachdadh a chìthear ann an ainmean mar Ròinseach (Rònan ach do bhoireannach) neo Finnseach (Fionn ach do bhoireannach).

Clàrsairean ainmeil

Faic cuideachd clàrsach Ghàidhealach agus cruit.