Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin

Ceòladair

Carolan full.jpg

Ceann-Là Bhreithe 1670
Àite Bhreithe An Obair, Contae na Mí (Èirinn)
Ceann-Là a Bhàis 25 am Màrt 1738
Àite a Bhàis Béal Átha Fearnáin, Contae Ros Comáin (Èirinn)
Bean/Fear-Chèile Maire Nic Uidhir
Meadhan Snìomhadair Ciùil, Clàrsach
Stoidhle Ceòl nan Gàidheal
Làrach-lìn

B' e ceòl-sgrìobhaiche agus clàrsair à Èirinn a bha ann an Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin (An Obair 1670 - Béal Átha Fearnáin 25 am Màrt 1738).[1] Shiubhal e timcheall na h- Éireann is e a’ cluiche ceòl is a’ gabhail òran leis na sgrìobh e fhèin agus an-diugh tha e cliùiteach mar sin. Dh' eug e air an 25mh latha dhen Mhàrt 1738 ann an Ros Comáin. Bha e na Chlàrsair a sgrìobh e a chuid ceòil fhèin, a bharrachd air sreath dàna.[2] Thoisich e cèol ionnsachadh nuair a chaill e a chuid adharc na shùilean ag 18 bliadhna a dh'aois, agus chaidh e air feadh na tìre is e a’ cluiche agus ag snìomh cèol dhen a h-uile seòrsa. Chluicheadh e ceòl ann an taighean nan uaislean, far a chuala e cèol Eadailteach agus le sin chruthaich e stoidhle ùr a chithear san aistean-chiùil aige fhèin. Mar thorradh a dhoille chan fhaodadh e cèol a leughadh neo sgrìobhadh ach mhair timcheall dà cheud pìosan a chum e sa traidisean. Rinn Seán Ó Riada agus daoine eile ath-bheòthachadh air cèol Uí Chearbhalláin san darna leth dhen 20mh Linn agus tha pìosan mar "Sí Bheag, Sí Mhór"[3] agus na pìosan a chleachd Planxty ainmeil gus ar làithean.

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Complete Works of O’Carolan (1670-1738), ed. Ossian, 2e ed., Cork, 1989 [154 p.]. ISBN 0-946005-16-8
  • Carolan. The Life Times and Music of an Irish Harper, Donal O’Sullivan, ed. Ossian, 1958, Cork, rééd. 2001. ISBN 1-900428-71-7
  • Giuseppe Marino, L'Ultimo Bardo d'Irlanda, & MyBook, Vasto (CH), 2009 [56 p.]. ISBN 978-88-96096-27-7
  • Giuseppe Marino, L'arpa di Turlough O'Carolan, Talmus Art, San Marzano di S. G. (TA), 2012 [80 p.]. ISBN 978-88-90546-08-2

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Old Music Project
  2. Contemplator
  3. Old Music Project