Bremen
Bremen
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | a' Ghearmailt | ||||
| Sgìre | Bremen | ||||
| Co-chomharran | 53° 04' 33' Tuath 08° 48' 27' Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 327 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 548,477 (2006) | ||||
| Dlùths | 1,677.3/km² | ||||
| Àireamh fòn | 0421 | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile mòr anns a' Ghearmailt a tha ann am Bremen (IPA:bʁemən). ‘S e fear dhe na 16 stàitean (Gearmailtis: Länder) na dùthcha. Tha am port Bremerhaven, 60km air falbh mu thuath, am broinn na stàite cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 150. Tha am pàirce-nàiseanta Lüneburger Heide suidhichte iar air Bremen.
Susbaint |
[deasaich] Eachdraidh
Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Sgrìobh Claudius Ptolmaeus mu dheidhinn Phabiranum, a bha fo buaidh na Cauci ann 150.[1] Anns an 8mh Linn chaidh feachdan Theàrlaich Mhòir gu ruige na h-aibhne Weser gus Crìosdaidheachd a thoirt do treubhan pàganach na sgìre.[2] Thug Riourik, Lochlannach às An t-Suain, aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an 859 ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e.[3] Chaidh easbaigeachd a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na easbaigean à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu Lochlann fad na linntean.
Bhagairt Heinrich XII à Bayern air cumhachd nan Easbaig anns an 12mh Linn.[4] Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh’ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas A’ Chuain Tuatha gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn na Mara Bhaltach, is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an 14mh Linn chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir.[5] Ach mu dheireadh thall, ann an 1358, ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an Lübeck is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.[6]
Bha Bremen na bhall cùlachrach diùid na Hansa:[7] dh’iarradh am baile cuideachd air an Hansa anns na h-iomairtean a bheireadh e an aghaidh cinn-fheadhna na treubhan Friesianach anns an sgìre air inbhir na h-aibhne Weser, ach cha bhiodh Bremen daonnan an sàs ann an Iomairtean na Hansa anns a’ Muir Bhaltach. Bha am mì-rùn sin gu math ùpraideach ann an 1425, is loisg muinntir Bhremen sgrìobhainnean na Hansa dìreach ann an Ceàrnag an fhèille ann am meadhan a’ bhaile. Thilgeadh Bremen a-mach às an lìog ann an 1427,[8] le toraidhean mòra: Dh’iarr stàitean eile, mar Oldenburg, air Bremen gun cuireadh e talamhan dhaibh leis cho lag ‘s a bha Bremen gun cuideachadh na Hansa, is chaill am baile mòran thalamhan air sgàth sin.
Chaidh a’ chiad port innealta na Gearmailte a thogail ann am Bremen Vegesack ann an 1620.[9] Ann an 1827, air sàilleabh gu robh am Weser a' fàs beag air bheag na bu ghainmhiche, cheannaich Bremen oighreachdan aig inbhir na h-aibhne fhèin, airson port eile fhaighinn is thug iad Bremerhaven air, neo Port Bremen sa Ghàidhlig.[10] Chaidh an companaidh cudromach muireil Lloyds na Gearmailte an Tuath a stèidhich ann an 1857.[11] Leasachadh obraichean mairearachd na h-aibhne fad na 1870an –1880an.
Dh’fhàsadh am baile beag air bheag tro mhalairt is gnìomhachasan is chaidh oifis margaidh chotain a chuir air dòigh ann an 1872.[12] Chaidh àireamh-sluagh a’ bhaile suas bho mu 35,000 ann an 1812 gu cor ris 100,000 ann an 1875 is fiù’s 250,000 ann an 1911.[13]
Bha Bremen na bhall Co-chaidreachas na Gearmailte a Tuath bho 1867 gu ruige 1871[14] is an uair sin bha e am broinn stàit ùr, Iompaireachd na Gearmailte bho 1871, ach chum e a chuid neo-eisimeileachd taobh cusbainn is cìsean gu ruige 1888. Gu mì-fhortanach, chaidh oidhirp a dheànamh air beatha an Iompaire Gilliam II ann am Bremen ann an 1901.
‘S e na Sasannaich a bha os cionn Bhremen dìreach an dèidh an Dàrna Cogaidh, is an uair sin na h-Aimearaganaich bho 14mh An t-Sultain 1944 o chionns gu robh iad ag iarraidh gum biodh port air a’ Mhuir a Tuath anns an sgìre aca.[15] Le sin cha bheireadh Bremen a-steach do Shagsainn Ìosail, leis gu robh an roinn sin anns an sgìre a bha fo bhuaidh nan Sasannach. Air sgàth sin, chaidh Bremen a ghairm na bhaile neo-eisimeileachd Hansa (Gearmailtis : Freie Hansestat) am broinn Poblachd Fheadarail na Gearmailte ann an 1947, le Bremerhaven na bhroinn oir nach robh e idir faisg air fearann Shagsainn Iosail.[16]
[deasaich] Clìomaid
| Mìos | Faoilleach | Gearran | Màrt | Giblean | Cèitean | Ògmhios | Iuchar | Lùnasdal | Sultain | Damhair | Samhain | Dùbhlachd | Bliadhna |
|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
| Teodhachd as àirde ann am meadhan (Celsius) | 3 | 3 | 7 | 11 | 17 | 20 | 21 | 21 | 18 | 13 | 7 | 5 |
|
| Teodhachd as ìsle ann am meadhan (Celsius) | -1 | -1 | 1 | 2 | 7 | 10 | 12 | 12 | 9 | 6 | 2 |
|
|
| Neart na Gaoithe | 25 km/h | 16 km/h | 20 km/h | 17 km/h | 14 km/h | 16 km/h | 16 km/h | 16 km/h | 17 km/h | 17 km/h | 19 km/h | 22 km/h |
|
| Bho: www.weatherbase.com | |||||||||||||
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
[deasaich] Dealbhan
[deasaich] Ceanglaichean A-mach
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ World Port Source
- ↑ Alemania.net
- ↑ Geneanet
- ↑ Karl Jordan, Henry the Lion. A Biography, ISBN 0-19-821969-5
- ↑ Deremilitari
- ↑ World Port Source
- ↑ Bremen City Report
- ↑ The German Hansa: The emergence of international businesses 1200 - 1800, P. Dollinger, ISBN 978-0-415-19073-2
- ↑ Radio Bremen
- ↑ Bremerhaven.de
- ↑ Hapag-Lloyd
- ↑ Baumwolleboerse
- ↑ Bremen City Report
- ↑ IGE
- ↑ Bremen City Report
- ↑ Essential Travel
- ↑ Urząd Miasta Gdańska
- ↑ Riaghaltas Iosrael
- ↑ Stadt Rostock
Baden-Württemberg • Bayern • Berlin • Brandenburg • Bremen • Hamburg • Hessen • Mecklenburg-Vorpommern • Nordrhein-Westfalen • Rheinland-Pfalz • Saarland • Sagsainn • Sagsainn-Anhalt • Sagsainn Iosail • Schleswig-Holstein • Thüringen