Teàrlach Mòr

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Tearlach Mòr)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Peantadh de Thearlach Mòr

Tearlach Mòr b. 742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814 - (No Charlemagne san Fhraingis, Karl der Große sa Ghearmailtis, Karel de Grote san Duitseis agus Carolus Magnus sa Laidinn) Rìgh nan seann Ghearmailteach ris an canar na 'Fraingich' agus an duine a stèidhich Ìmpireachd Naomh Ròmanach.

B' e am mac as sine aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Goirid '). Nuair a bhàsaich Pippin, chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Teàrlach agus a bhrathair Carloman. Bhàsaich Carloman air an coigeamh latha den Damhair 771, mar sin a'fagail Teàrlach Mòr mar cheannard na rìoghachd Fraingich aonaichte. Bha Teàrlach Mòr a'cogadh airson a' mhòr-chuid de bhliadhnaichean a rìoghachd - leis a' chlaidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na làimh. An dèidh trithead bliadhna de chogadh agus ochd blàran deug, cheannsaich e na Sagsonaidh - amas a bh'aig Ìmpire Augustus den Ìmpireachd Romanach ach nach robh na chùmhachd a dhèanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgìre, dh'iompaich e na daoine chun a' chreideimh Chrìosdaidh. Stèidhich e Magdeburg ann an 805 agus ionad riaghlaidh ann an Worms cuideachd.