Lüneburger Heide

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Suidheachadh an Lüneburger Heide

Eadar Hamburg, Bremen agus Hànobhar tha an Lüneburger Heide (Beurla: Lüneburg Heath) ann. Is e sin an dreach-tìre fhraoich as motha ann an Èorpa Meadhanach. Tha e ainmichte a-rèir am baile Lüneburg, a tha suidhichte taobh a tuath dheth. An-diugh 's e pàirc nàiseanta a th' ann, air sgàth' s gu bheil mòran lusan agus beathaichean ainneamh ann. Tha nas motha na 4 millean luchd-turais gach bliadhna a' tadhail dhan Lüneburger Heide, mar sin 's e àite cudromach do dh'eaconomaidh Niedersachsen.

Eachdraidh an àite[deasaich | deasaich an tùs]

Heidschnucken, caoirich sònraichte ann an Lüneburger Heide

Aig àm Neolithic bha mòran chraobhan a' fàs ann an Lüneburger Heide. Ach cha eil an talamh an seo torach idir, tha an cuid as motha gu math gainmheil. Aig an àm ud bha tuathanaich a' gluasad bho àite gu àite eile, gus a bhith beò às an talamh neo-thorach. Mar sin bha a' fhàgail àitichean fosgailte am measg nan coilltean. far an do thòisich fraoch a' fhas, gu-h-àraidh Common Heather (Calluna vulgaris).

Ach bho 1000 a-mach thòisich tuathanaich a' fuireach ann an aon àite a-mhàin. Dh'atharraich iad an dòigh obrach aca. Thug iad ceann an talamh air falbh agus chuir iad e dhan stabail-chaoraich airson greiseig agus an uair sin air ais anns na pàircean mar stuth-mathachaidh. O chionn gun robh an ceann an talamh air falbh, thàinig fraoch geal an àite. Le sin dh'fhàs an talamh geur agus cha eil dad eile a fhàs an seo.

Tro na linntean bha caoirich sònraichte air a thoirt gu bhith ris an canar "Heidschnucken". 'S e caoraich beaga a tha' annta a tha glè gheiteanach. Tha an fheòil aca glè bhlasda, ach chan eil a’ chlòimh aca math gu leòr airson fhighe, cleachdar i dìreach airson brat-ùrlair.

Cruth na tìre[deasaich | deasaich an tùs]

'S e am Wilseder Berg (Beinn Wilsede) a' bheinn as àrda, tha i 169,2 m a dh'àrd. Tha beanntan beaga eile ann, m.e. Falkenberg (150 m), Ahrberg (145 m), Hakenberg (143 m), Hoher Mechtin (142 m), is am Pampower Berg (140 m). Tha an abhainn Wümme a' toiseachadh air am Wilseder Berg, agus tha an Lachte a' struthadh tron deas dhen Lüneburger Heide.

Àitichean inntinneach[deasaich | deasaich an tùs]

Sieben Steinhäuser, cromleac faisg air Fallingbostel

Is e baile beag a tha ann an Hösseringen. Bha e air a chruthachadh mar baile-tasgaidh a tha a' toirt seachad mòran fiosrachdaich mun doigh-beatha ann an Lüneburger Heide.

Chithear cromleacan ann an earra-dheas Fallingbostel, baile beag, ris an canar "Oldendorfer Totenstatt" agus "Sieben Steinhäuser" (Seachd Taighean-chloiche). Chaidh an togail ann an 2500 RC. Timcheall an Lüneburger Heide tha eaglaisean agus manachainn samhlachail ann, cuid dhiubh le taisbeanadh far am faicear seann rudan ealanta eachdraidheil, m.e. dealbhan brat-urlàr agus grèiseadaireachd às an àìte fhèin.

Ann am Walsrode chaidh Hermann Löns, bàrd ainmeil a sgrìobh mòran bardachd mun Lüneburger Heide, air a thiodhlaicadh.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: