Bhatain

O Uicipeid
Bhatain

Loch Bhatain
Suidheachadh
Bhatain is located in Alba
Bhatain
Bhatain (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle A' Ghàidhealtachd
Siorrachd Gallaibh
Parraist Bhatan
Co-chomharran 58° 28′ 18.07″ T
3° 18′ 1.32″ I
Comharradh-clèithe ND242544
Feartan fiosaigeach
Còd-puist KW14

'S e baile ann an Gallaibh a tha ann am Bhatain[1] neo a' Bhatan[2] (Beurla: Watten). Tha "Bhatain" a' tighinn bho Lochlannais vatn (loch neo poll), agus gun teagamh 's e Loch Bhatain air a bha e a' bruidhinn.

Tha am baile suidhichte air rathad mòr (A882-A9) eadar Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, mu dhà chilemeatairean deug (ochd mìlean) iar air Inbhir Ùige agus faisg air Abhainn Ùige agus Loch Bhatain. 'S e an loch as motha ann an Gallaibh a tha sin.

Bha campa prìosanaich a' chogaidh ann eadar 1943 agus 1948, bha mòran daoine Nàsach ainmeil a' fuireach ann an seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Watten/Bhatain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2017.
  2. Alba le Roy Pedersen