Aleksandr Sokiryansky

O Uicipeid
Aleksandr Sokiryansky
Beatha
Breith Cherkasy, 9 dhen Fhaoilleach 1937
Dùthaich  An t-Aonadh Sobhiatach
 A' Mholdobha
 Iosrael
Bàs Iosrael, 22 dhen Chèitean 2019
Foghlam
Foghlam Academy of Music, Theatre and Fine Arts of Moldova (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceòl-sgrìobhaiche

B' e bàrd, fìdhlear, neach-teagaisg agus ceòl-sgrìobhaiche à Moldàibhia/An t-Aonadh Sobhiatach a rugadh san Ucràin a bh' ann an Aleksandr Sokiryansky (Ucràinis: Сокирянський, Олександр Федорович, Romàinis: Alexandru Sochireanschi, Cherkasy, 9 am Faoilleach 1937Kiryat Bialik, 22 an Cèitean 2019).[1] B' ann do theaghlach bùirdeasach Iùdhach a bhuinneadh e: bha athair na innleadair agus bha a mhàthair na cunntasair. Chaidh iad tro gach cruadal ri linn An Dàrna Cogaidh leis gun do chaochail athair ann an Sèist Leningrad agus dh' eug a phiuthar ann an Taraz agus iad nam fògarraich on uile-losgadh.[2] Fhuair e a cuid foghlaim san Sgoil-ealain ann am Poltava, far an do dh' ionnsaich e an fhidheall. Bha e na fhìdhlear san Taigh-cluiche T. G. Shevchenko fad còrra bhliadhna. An uair sin, chaidh e dhan Institiud Ealain Gavriil Musicescu an Chişinău far an robh e fo stiùir M. R. Kopytman, eadar 1964 agus 1969 agus. an dèidh cheum a ghabhail ann, chuir seachad bliadhnichean a' teagasg ciùil ann an Sgoil-ciùil Ștefan Neaga an Chişinău. Fhuair e ballrachd Uniunea Compozitorilor si Muzicologilor din Moldova (Gàidhlig: Aonadh Ceòl-sgrìobhaichean agus Eòlaichean-ciùil Mholdobha) ann an 1972. A bharrachd air ceòl, sgrìobh e bàrdachd, an dà chuid ann an Romàinis agus Iùdais. Chaidh e a dh' Iosrael ann an 1991, nuair a thuit An t-Aonadh Sobhiatach a-mach à chèile, agus chaochail e an sin ann an 2019.[3]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

  • „Micul triptic" pentru orchestra de coarde, (Trì-chòmhla beag airson orcastra le teudan), 1987.
  • Poemul vocal-simfonic „Tu mergi prin ţară" pentru soliști, cor și orchestra simfonică, (An dàn guth-simphnidheach "Tha thu a' dol tron ​​​​dùthaich" airson aon-neach, còisir agus orcastra simphnidh), 1984.
  • Simfonietta pentru orchestra de coarde şi timpane, (Simphnidh airson orcastra le teudan agus timpani), 1979.
  • Suită pentru cvartet de coarde, (Pìos airson ceathrar le teudan), 1978.
  • Cicluri vocale după basmele lui D. Mamin-Sibiriak, (Cuairtean gutha an dèidh sgeulachdan D. Mamin-Sibiriak), 1971.
  • Trio pentru vioară, violoncel și pian, (Triùir airson fìdhle, cello agus piàna), 1971).
  • Poem pentru orchestra simfonică, (Dàn airson orcastra simphnidh), 1970).
  • Lamele, versuri de Felix Crivin, (Lannan, rann le Felix Crivin), 1970.
  • Sonată pentru pian, (Sonata airson a' phiàna), 1969.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. People Pill
  2. Yad Vashem
  3. Moldovenii

v