Albert Einstein
| Albert Einstein | |
![]() |
|
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | |
| Bàs | |
| Oilthigh | Oilthigh Zürich |
| Roinn Obrach | Eòlas-nàdair |
| Linn | 20mh Linn |
| Dùthaich | A' Ghearmailt |
| Creideamh | Iùdhach |
'S e neach nàdar-fheallsanachd agus saidheans a bh'ann an Albert Einstein (Ulm, 14 am Màrt, 1879 - Princeton, 18 an Giblean 1955). Tha mòran den beachd gur e an duine is ealanta a bh'anns an 20mh linn agus ann an 1921 bhuannaich e an Duais Nobel airson nàdar-fheallsanachd.
Tha Einstein gu math ainmeil airson na beachdan aige mu solas, stuth, tarraing na-talmhainn, fànas agus tìde a chuidich luchd-saidheans na rudan seo a thuigse na b'fheàrr. 'Se an Theory of Relativity agus an Theory of General Relativity a tha aca air na beachdan seo.
Bha Einstein air a bhreith ann an Ulm, Württemberg 'sa Ghearmailt. 'S e Iùdhaich a bh'anns an teaghlach aige ach cha robh iad a cumail ris gu laidir agus chaidh Albert gu sgoil Caitligeach. Chan è oileanach uabhasach math a bh'ann agus bha gu leòr den bheachd gun robh e neo-thoinisgeil. Aon latha chaidh combaiste iuìl-tharraingeach a thoirt dha agus fhuair e ùidh mòr ann an feuchainn ri tuigse ciamar a bhiathadh cùmhachd do-fhaicsinneach a toirt air an dealg gluasad agus mar sin thoisich e ag ionnsachadh matamataigs agus saidheans.
Nuair a dh'fhas e nas aosda chaidh e don sgoil anns an Eilbheis. An dèidh dha ceumnachadh fhuair e obair ann an oifis. Fhads a bha e ag obair an sin sgriobh e na paipearain is cudthromaiche aige a dhèanadh ainmeil mar neach-saidheans mòr.
Ron toiseach a' Chiad Cogadh t-Saoghal ghluais e air ais dhan Ghearmailt agus fhuair e obair mar ceannard sgoil. Dh'fhuirich e ann am Berlin gun tàinig na Nazis gu cùmhachd anns an righaltas naiseanta. Bha na Nazis a' dèanamh casaid air Einstein agus ag ràdh gun robh e a feuchainn ri 'Jewish Physics' a dhèanamh agus bha luchd-saidheans Gearmailteach a' feuchainn ri na beachdainn aige a bhreugnachadh. Ghluais e gu na Staitean Aonaichte.
Troimh an Dàra Cogadh t-Saoghal 'se Einstein aon de na daoine a bha coimhearliche gum bu choir do na Staitean Aonaichte Bom Dadamach no 'Atomic Bomb' a dhèanamh mus b'urrain do na Gearmailtich. Anns a' bhliadhna 1952 dh'fhaighnich pàrlamaid Israel dha a bhith na Ard Shuidhear ach dhiùlt e.
Iomraidhean [deasaich]
