Meacanaigs quantumach

O Uicipeid
Meacanaigs quantumach
theory, branch of physics
Fo-sheòrsa demechanics Deasaich
Pàirt demodern physics, quantum physics Deasaich
Ceann-latha foillseachaidh1900 Deasaich
History of topichistory of quantum mechanics Deasaich
Practiced byquantum theoretician Deasaich
Stack Exchange taghttps://physics.stackexchange.com/tags/quantum-mechanics Deasaich

'S e teòiridh ann am fiosaigs a tha a' toirt mìneachadh air na thachras air sgèile nan ataman agus nam moileciuilean a tha ann am meacanaigs quantumach.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Deuchainn le Young

Rinn Thomas Young deuchainn ainmeil anns an 19mh linn anns an do shoillsich e dà sgoltadh ann an sgrìn agus choimhead e am pàtran de eadar-chur eadar na gathan air sgrìn air cùlaibh. Dhearbh an deuchainn seo gur e seòrsa de thonn a tha ann an solas. Bidh an aon rud a' tachairt ma bhios eileagtronan ann an àite solais, ged a tha eileagtronan gan giùlan iad fhèin mar mhìrean ann an co-theacsan eile. Ach ma bhios lorgaire air chùl fear de na sgoltaidhean, thèid am pàtran à sealladh.

Lorg Max Planck gun robh na co-aontaran a thug mìneachadh air teas ann an "cuirp dubha", cuirp nach thilgeas air ais solas sam bidh, ceàrr mura thàinig solas ann an gràinnean beaga, neo quantumaichean. Chleachd Albert Einstein an teòiridh seo airson am buaidh foto-dealanach a shoilleireachadh. Chaidh an cunbhal a mhìnicheas an dàimh eadar lùths agus tricead an solais ainmeachadh air Planck fhèin.

Leasaich Erwin Schrödinger agus Werner Heisenberg teòiridh quantumach agus chleachd Linus Pauling teòiridh quantumach airson structar nam moileciuilean a shoilleireachadh.[1]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Quantum mechanics”. Institute of Physics. Air a thogail 8mh dhen t-Samhain 2023.