Oilthigh Humboldt Berlin

O Uicipeid
Seula Oilthigh Humboldt

'S e Oilthigh Humboldt Berlin (Gearmailtis: Humboldt-Universität zu Berlin) an t-oilthigh as sine ann am Berlin, a' Ghearmailt. Chaidh a stèidheachadh ann an 1810 fon ainm Oilthigh Berlin le Wilhelm von Humboldt. Bha Humboldt na libearalach, na leasaiche agus na fhear-cànanchais agus bha buaidh mhòr aig an oilthigh seo air feallsanachd nan oilthighean eile san Roinn-Eòrpa agus san Iar air fad. Bha ainmean eile air tro na linntean, a' gabhail a-steach Friedrich-Wilhelms-Universität, Universität unter den Linden (air sgàth 's gun robh e air an t-sràid sin) agus chaidh ainm atharrachadh gu oifigeil ann an 1949 mar urram dhan fhear a stèidhich e, Wilhelm agus a bhràthair Alexander von Humboldt a bha na bhith-eòlaiche.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]