Alasdair Gray

O Uicipeid
Alasdair Gray
Beatha
Breith Glaschu, 28 dhen Dùbhlachd 1934
Dùthaich  Alba
Bàs Queen Elizabeth University Hospital (en) Translate agus Glaschu, 29 dhen Dùbhlachd 2019
Nàdar a’ bhàis  (am fiabhras-clèibhe)
Foghlam
Foghlam Sgoil-ealain Ghlaschu
Whitehill Secondary School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, bàrd, nobhailiche, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, sgrìn-sgrìobhaiche, dealbhadair, peantair agus neach-ealain lèirsinneach
Fastaichean Sgoil-ealain Ghlaschu
Obraichean comharraichte Lanark: A Life in Four Books (en) Translate
1982, Janine (en) Translate
Poor Things (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Gnè ealain Ficsean-saidheans
IMDb nm1206865
alasdairgray.co.uk

B' e nobhailiche, sgrìobhadair agus peantair à Alba a bh' ann an Alasdair Gray.

Rugadh agus thogadh e ann an Glaschu. Bha e na oileanach aig Sgoil-ealain Ghlaschu agus dh'obair e mar pheantair aig taighean-cluiche ann an Glaschu. Sgrìobh e dealbh-chluichean airson an rèidio agus bha e na bhall buidheann sgrìobhadair Philip Hobsbawm còmhla ri Tom Leonard agus James Kelman. Dh'fhoillsich e a chiad nobhail, Lanark ann an 1981. Bha e leth-fhìor-riochdail, leth-fhantasach, le dà earrainn ann an Glaschu fhèin agus dà earrainn ann an Unthank agus Provan, tionndaidhean ficseanail de Ghlaschu.[1]

Sgrìobh e cruinneachadh rò-ràdhan ann an 2000, The Book of Prefaces, le faclan o Ghray fhèin agus sgrìobhadairean eile, leithid Aonghas MacNeacail, Iain Mac a' Ghobhainn, A. L. Kennedy, Janice Galloway agus Roger Scruton.[2] Tha e cuideachd na neach-iomairt agus tha e air obraichean poileataigeach fhoillseachadh, mar eisimpleir Why Scots Should Rule Scotland agus How We Should Rule Ourselves còmhla ri Adam Tomkins.[3]

Chaochail e ann an Glaschu air 29 an Dùbhlachd 2019.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. BBC Two - Writing Scotland - Alasdair Kelman”. BBC. Air a thogail 7mh dhen t-Sultain 2017.
  2. Gray, Alasdair (2000): The Book of Prefaces. Canongate. 
  3. Gray, Alasdair ⁊ Tomkins, Adam (2004): How We Should Rule Ourselves. Canongate. 
  4. Lea, Richard: “Alasdair Gray, influential Scottish writer and artist, dies aged 85”, The Guardian. 29mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2019.