Abraham Darby

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

B' e Abraham Darby I (Dudley, 14 an Giblean 1678 - 8 am Màrt Madley 1717) Maighstir-Iarrainn Shasunnach. Rugadh esan aig Dudley,an Siorramachd Worcester. Is e Mac Cheird-Glaise a bha ann. Bhuannaig esan ri Cuaigearan. Dh'ionnsaich e ceàrd e fhèin, fo saor-mhuillin an Birmingham roimhe 1699 nuair a phòs e.

Thog e fhèin is a' bhean ri Bristol, far an do shas e an obraichean-umha. Ghluais e bho obraichean umha ri iaruinn-tilgte. Fhuair e taic de obraichean iarrainn aig Coal Brook Dale ri taobh Abhainn na Severn an 1708, far an d' rinn e poitean agus coireachan a mach a iaruinn "tilgte". Cha robh e fada 's na h-obraichean sin mus an do thoisich e a lorg connadh nas fhearr (agus nas shaora) na gual-fiodha a theasachadh na furnaisean iaruinn aige.

Lorg e gu robh gual-rosta fhreagaireach (an 1709) agus o chionn 's gu robh gual tòrr nas pailte na fiodh, adhbharaich leaghadh le gual lughadhadh an pris iarrainn nuair a thoisich ludh-leaghaidh eile a bhi ga cleachdadh. Adhbharaich lughadadh a' phrìs meudachadh an fhèille airson bathair iarrainn, agus cuir seo spionnadh air leasachadh eaconomachd air feadh Breatainn. Dh'eug e an 1717, amm am Madley, Shropshire.