Zwolle
Coltas
Zwolle
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Overijssel | ||||
Co-chomharran | 52° 30 00' Tuath 06° 05 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 119.28 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 120,661 (2011) | ||||
Dlùths | 1,011.58/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 038[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Deventer, air an àirde an ear nan Tìrean Ìsle a th' ann an Zwolle (IPA: ˈzʋɔlə, Laideann: Svolla, Frysk: Swol). Tha e suidhichte aig 9m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: provincie) Overijssel, 83km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 129km bho Rotterdam, 130km bho Den Haag, 127km bho Tilburg agus 81km bho Utrecht.[3] Fhuair Zwolle a chuid chòirichean ann an 1230. Tha 120,661 duine a' fuireach ann.[4] A bharrachd air sin, ‘ s e prìomh-bhaile na roinne a th’ann an Zwolle. 'S ann às am Frysk Suolle, a tha a' ciallachadh cnoc, a tha ainm a' bhaile.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Gerard ter Borch (1617 – 1681). Peantair
- Herman Brood (1946 – 2001). Actair, Peantair, ceòladair.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Lünen[5]