Herman Brood

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Herman Brood
Herman Brood 1979.png
Beatha
Breith Zwolle, 5 dhen t-Samhain 1946
Dùthaich  Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Bàs Amsterdam, 11 dhen Iuchar 2001
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt (suicide by jumping from height)
Teaghlach
Cèile Xandra Jansen
Foghlam
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd actair, seinneadair, bàrd, seinneadair is sgrìobhaiche, cluicheadair piàna, peantair, sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche agus actair film
Duaisean a fhuaras
Gnè ealain rock and roll
Inneal-ciùil piàno
giotàr
Taigh-clàraidh RCA Records
IMDb nm0111596
www.hermanbrood.nl/

B' e Actair, Bàrd, Peantair[1] agus Seinneadair ainmeil às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Herman Brood[2] (Zwolle, 5 an t-Samhain 1946 - Amsterdam, 11 an t-Iuchar 2001). Thoisich Brood am piàna a chluich nuair a bha e dìreach 12 bliadhna a dh'aois. Bha e air leth glic ach cha do chòrd an sgoil leis idir. Dh'fhàs e gu math ainmeil mar cheòladair san dùthaich aige fhèin fad na 70an ann ann sreath dhe còmhlan-ciùil: The Moans, Cuby and the Blizzards, Q65 agus Stud. Ach 's e na rinn e còmhla ri Wild Romance, a steidhich e ann an 1977 a tha nas ainmeil nar làithean. Choinnich e ri Anton Corbijn ann an Groningen ann an 1975. Phòs Brood le Xandra Jansen ann an 1985 agus fhuair iad dithis duine-chloinne, Lola agus Holly. Bha nighean eile aige, Brenda, a rugadh ann an 1979. Beag air bheag leig e dheth an Ceòl airson a bhith na pheantair agus na bhàrd.[3] Rinn e mòran dealbhan-balla a chithear ann an Amsterdam an latha an-diugh. Bha e a-riamh ann an trioblaid leis an deoch làidir agus na drugaichean. Cha b' urrainn dha sin leigeil a dheth agus mu dheireadh thall thug Brood ùthachd dha fhèin ann an taigh-òsda Hilton,[4] ann an Hilton an Amsterdam, ann an 2001

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Herman Brood Museum
  2. All Music
  3. Herman Brood art
  4. Radio NL