Jump to content

Zandvoort

O Uicipeid
Zandvoort
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Noord-Holland
Co-chomharran 52° 37 00' Tuath
04° 53 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 44.34 km²
Àireamh-shluaigh 16,603 (2012)
Dlùths 374.45/km²
Àireamh fòn (+ 31) 023[1]
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile meadhanach agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air IJmuiden agus Haarlem, air an àirde an iar nan Tìrean Ìsle a th' ann an Zandvoort (IPA: zɑntfoːrt, ainm slàn: Zandvoort aan Zee). Tha e suidhichte air oirthir A' Chuain a Tuath le tràighean àlainn air a thaobh, 6m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Òlaind a Tuath (Duitsis: Noord-Holland), 25km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 50km bho Rotterdam, 36km bho Den Haag, 101km bho Zundert agus 51km bho Utrecht.[3] Chaidh Zandvoort a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1100 mar Sandevoerde agus 's ann leis na Van Brederode a bha e gu ruige 1722. Tha 16,603 duine a' fuireach ann.[4] 'S e àite uabhasach cliùiteach taobh turasachd leis gur e an tràigh bhreàgha as faisg air Amsterdam a th'ann agus o chionns' gu bheil slighe-rèisidh nan càraichean an seo cuideachd. Tha an t-aim a' ciallachadh Àth na Gainmhich, bho dhà fhacal san Duitsis: zand (gainmheach) agus voort (àth).

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Utopia
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Centraal Bureau voor de Statistiek

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]