Wildernis
| Wildernis | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | Wes-Kaap/iNtshona Koloni |
| Sgìre | Eden |
| Co-chomharran | 33° 59′ 00″ Deas 22° 35′ 00″ Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 36.97 km² |
| Àireamh-shluaigh | 6,164 (2001) |
| Dlùths | 166.73/km² |
| Àireamh fòn | 044 |
| Duilleag oifigeil | Duilleag a' bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail air iomall George, ann an ceann a deas Afraga a Deas a th’ ann am Wildernis. Tha e suidhichte ri taobh na mara, ann am meadhan na roinne Rubha an Iar (Afrikaans: Wes-Kaap, isiXhosa: iNtshona Koloni), anns an sgìre Eden, eadar Sedgefield agus Thembalethu. Tha e 1,013km air falbh bho Johannesburg, 445km bho iKapa, 638km bho Bhloemfontein agus 1,068km bho Phretoria, prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Tha 6,164 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[2] agus 's e Afrikaans a th’ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Wildernis. Chaidh am baile seo a stèidheachadh ann an 1877 le tuathanach le freumhan ann an Sasainn air an robh George Bennet.[3] Chaochail Balthazar Johannes Vorster, seann phrìomhair, an seo ann an 1983 agus P. W. Botha, seann cheann-suidhe na dùthcha ri linn Apartheid, an seo ann an 2006. Tha am baile seo ainmeil airson a chuid deagh thràighean is a phàirc nàdarra, agus le sin tha e cliùiteach taobh thurasachd.[4] A bharrachd air sin, cha mhi an teodhachd nas ìsle na 10° neo nas àirde na 22° feadh na bliadhna.